Fàilte gu ar làrach-lìn Ghàidhlig
Tha foillseachadh nan leabhraichean Gàidhlig na phàirt air leth cudromach den obair againn an seo aig Luath Press. Bidh sinn ag obair gu dlùth còmhla ris na sgrìobhadairean as fheàrr gus ficsean, neo-fhicsean agus bàrdachd a sholarachadh do luchd na Gàidhlig a tha a’ gleachd ri iomadh chuspair ’s air a dheagh sgrìobhadh cuideachd.
A bheil thu nad ùghdar?
Tha sinn a’ sireadh nobhailean ùra gus foillseachadh ann an 2025.
Ma tha nobhail neo sgeulachdan goirid agad, thoir sùil air an duilleag seo. Gura math a thèid leat!
AM PRIONNSA 'Is iomadh urchair tha dol san fhraoch...' An t-seachdain seo, bhruidhinn sinn ri Graham Cooper, ùghdar na nobhail ùir, ‘Am Prionnsa' gus beagan a bharrachd fiosrachaidh fhaighinn... Read More
Lèirmheas Luath Press - 'Am Prionnsa'
GRÀDH, DÌLSEACHD AGUS CALL AM MEASG AR-A-MACH NAN SEUMASACH Suidhichte ann an gleann sìtheil Thulach Neasail, Siorrachd Obar Dheathain, tha an sgeulachd a’ leantainn beatha an uachdarain Teàrlach Gòrdanach,... Read More
Là Fhèill Brìghde
Aig toiseach a' Ghearrain thathar a’ comharrachadh Là Fhèill Brìghde agus a’ cur fàilte chrìdheil air an earrach (mu dheireadh thall!). Bidh Là Fhèill Brìghde a’ gabhail àite air a' chiad... Read More