Bhruidhinn sinn o chionn goirid ri Alistair Paul mun leabhar ùr aige IOMALL.  Gus foillseachadh an leabhair a chomharrachadh rinn sinn agallamh luath, (am faic sibh na rinn mi an sin?) le còig ceistean a thagh Alistair air thuaiream mun leabhar is mu dheidhinn fhèin. Seo iad... 

Nam biodh an cothrom agaibh a bhith nur superhero, cò bhios annaibh?

Batman is dòcha. Tha dà thaobh aig a’ charactar, aon a tha caran àbhaisteach ach le cumhachdan sònraichte agus taobh caran dorcha aige aig an aon àm.

Am bi sibh idir a’ strì le bacadh-sgrìobhadh? Ma bhios ciamar a tha sibh ga fhreagairt?

Bidh, bho àm gu àm tha sin ann, tha e na thrioblaid dhomh mar a bhios dhan a h-uile sgrìobhadair. Mar fhuasgladh, ‘s e dìreach a bhith a’ cur do thòn air sèithear, mar a thuirt cuideigin, is a bhith cumail ort a bhith a’ sgrìobhadh - ‘s e sin a’ phrìomh fhuasgladh a th’ agam. Ach cuideachd a bhith dol air cuairt. Tha ceum mu chomhair an taigh agam agus thèid mi cuairt air a’ cheum sin agus mar sin thig na beachdan a-steach. 

Comhairle mhath dha-rìribh taing Alistair!

Nise ceistean air an leabhar fhèin

A bheil na caractaran ann an Iomall stèidhichte air daoine sam bith gu sònraichte?

Thachair ris a’ chuid as motha de na caractaran agam bidh mi a’ cur ri chèile diofar charactaran nam bheatha làitheil. Daoine a tha nan caraidean dhomhsa agus cuid nach eil nas aithne dhomh co-dhiù. 'S e na feartan aca a bhios mi a’ cur còmhla ri chèile gus caractaran ùra a chruthachadh, sin mar a bhios mi ag obair san fharsaingeachd.

Cò an caractar as lugha oirbh san leabhar agus carson?

Is dòcha fear a tha na phrìomhaire san sgeulachd Liathas-Slaim, Anton Jackson. ‘S e fear poilitigs a th’ ann. Tha e caran ioma-taobhach, cealgach.  Ged a tha beagan truas agam dha cuideachd aig deireadh thall...

Dè an rud a bha as duilghe mu bhith sgrìobhadh Iomall?

B’ e sin gun robh mi a’ dol a-mach gus an àm ri teachd agus gu na speuran. Bha mi airson dol a-steach gu inntinn mac an duine agus mar a bhios ar n-inntinnean ag obair. Is mar sin bha mi  a’ cur prosbaig a steach gu m’ inntinn fhèin gus sin a chuir an cèill. Sin an rud as duilghe chanainnsa.  

 

Gus faicinn ciamar a chaidh Alistair a-steach gu inntinn mac an duine agus gus coinneachadh nan caractaran is stòiridhean air an robh sinn a’ bruidhinn lorg IOMALL tro ceangal leabhraichean Gàidhlig aig mullach na duilleige.