Dòrlach Sìl

Sgeulachdan Sean agus Ùr

Maoilios Caimbeul

Regular
£8.99
Sale
£8.99
Regular
£8.99
Temporarily Out of Stock
Unit Price
per 

Edition: Paperback

ISBN 9781910022740

Our Ebooks are powered by Glassboxx
Click here to learn about our Ebooks.

About the Book: 

’S e seo a’ chiad chruinneachadh de na sgeulachdan goirid aig Maoilios Caimbeul, a tha a’ sìneadh gu iomadh àite, bho Pharis gu Ierusalem, bho Nis gu Henley-on-Thames.

Tha feadhainn dhiubh èibhinn agus feadhainn eile nas doimhne agus tha iad a’ dol air ais agus air adhart ann an tìm. Coinnichidh sinn ri teaghlach a chaidh a losgadh a-mach às an dachaigh aca ann am Bad an Loisgein anns an 19mh linn agus ri Cindy agus Dez a shiubhail gu Màrs agus air ais. Coinnichidh sinn ri Tim, am feòil-sheachnair à Glaschu agus ris an Urramach Bhaltair MacAnndrais agus am mèirleach a thug dùbhlan dha air an trèan.

Tha an saoghal os-nàdarra a’ suathadh ri ceithir de na sgeulachdan. Cruinneachadh tlachdmhor a bhios na adhbhar gàire agus na adhbhar smaoineachaidh don leughadair.


These riveting stories stretch from Paris to Jerusalem, from outright hilarity to deeper, darker tones. The tales span from the 18th century Clearances to far into the future, when we will be living on Mars! Poetic writing combined with strong dialogue create funny and thought-provoking moral tales intertwined with themes of Celtic lore, religion and the supernatural in Gaelic.

About the Author:

Tha Maoilios aithnichte mar bhàrd agus sgrìobhaidear agus bidh a chuid sgrìobhadh a nochdadh ann an irisean mar Northwords Now agus Steall. ‘S ann às an t-Eilean Sgitheanach a tha e, agus tha e a fuireach ann fhathast. Sgrìobhaidh e sa Ghàidhlig, ach tha cuid de dh’obair ri fhaighinn anns a’ Bheurla. Cheumnaich e bho Oilthigh Dhùn Èidinn and an 1976 às dè dha Eachdraidh agus Ceilteis a’ sgrùdadh. Tha ùidh aige ann an creideamh, mìorbhailean, saidheans agus teicneolas.

Tha e air grunn duaisean a choisinn, mar dà dhuais Comhairle nan Leabhraichean, Crùn na Bàrdachd agus Duais Wigtown. Tha e cuideachd air nobhailean do dh’òigridh fhoilseachadh, an tè mu dheireadh, An Triùir agus Lùbag aig Acair ann an 2016.

Myles is a recognised Scottish poet and writer, with his work appearing in publications such as Northwords Now and Steall. He lives on the Isle of Skye, where he is from. He writes mostly in Gaelic, although some of his anthologies are available in English translations. He graduated from The University of Edinburgh in 1976 having studied Celtic Studies and History. His interests lie in superstition, miracles, science and religion.

He is a highly acclaimed author and poet, having won two Gaelic Books Council prizes, the National Mòd Bardic Crown, Wigtown Prize, among many more. Besides short stories, Myles Campbell publishes fiction, and children’s fiction, the most recent being An Tiùir agus Lùbag by Acair in 2016.