Air oidhche Mhàirt, 17mh an t-Sultain, chaidh na Duaisean Litreachais a chumail ann an Glaschu airson a' choigeamh bliadhna. Tha na Duaisean Litreachais a’ comharrachadh nan leabhraichean as fheàrr a chaidh fhoillseachadh gach bliadhna. Abair oidhche a bh’ ann, le deagh cheòl agus craic gu leòr. Am bliadhna, bha còrr agus 100 duine an làthair ann an Taigh-cluiche Cottiers. Bha faireachdainn beòthail san taigh-chluiche, a bha air a sgeadachadh gu h-àlainn le solais-shìthe a bha a’ priobadh oirnn bho mhullach an t-seòmair. 'B i Angela NicEachainn bean-an-taighe, agus a’ toirt seachad na duaisean bha daoine ainmeil eile bho shaoghal na Gàidhlig. A' cluich agus a' seinn ceòl àlainn tron oidhche bha Màiri Nic ’illeMhaoil, Ingrid Henderson agus Anna Massie
Bha sinne aig Luath Press air ar dòigh a bhith an sàs aig na duaisean am bliadhna. Choisinn ‘Far na Slighe’ le Shelagh Chaimbeul an Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn airson an Leabhar Ficsein as Fheàrr. Bhruidhinn sinn rithe as dèidh làimh agus seo na bh’ aice ri ràdh:
‘ 'S e urram mhòr a th' ann an duais seo fhaighinn. Tha e air misneachd agus brosnachadh a thoirt dhomh mar sgrìobhadair, is dearbhadh agam gun do chòrd an leabhar agam ris na britheamhan agus gun robh iad den bheachd gun robh e airidh air moladh.’
’S e leabhar eucoir a th’ ann am ‘Far na Slighe’ a tha a’ leantainn beatha Amy as déidh dhi bann-laimhe fhaicinn air prògram t.bh mu bhàsan amharrasach. Fad 20 bliadhna, gun fhiosta dhi, bha bann-làimhe aice a bhuineadh do nighean a chaidh a mhurt ann an Cìll Rìmhinn san Ògmhios 2004. A bheil fios aig na triùir eile a bha còmhla ri Amy nuair a fhuair i lorg air a’ bhann-làimhe, dè thachair do Joni, an nighean a chaidh a mhurt? Carson nach eil iad airson bruidhinn rithe mu dheidhinn an turais aca? Agus carson a tha cuideigin airson dèanamh cinnteach nach tèid am bann-làimhe a lorg?
Tha tòrr dhaoine a' moladh leabhar Shelagh, agus e air còig rionnagan a choisinn air Goodreads mu thràth. Thuirt aon neach seo mun nobhail:
'Chòrd seo sgoinneil rium. Chan ann tric a bhios mi a’ faighinn cothrom suidhe a’ leughadh, agus chuir mi crìoch air a seo ann an dà fheasgar.'
Chaidh ‘Am Prionnsa’ le Graham Cooper ainmeachadh airson duais Làmh-Sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich. Suidhichte aig àm ar-a-mach nan Seumasach, tha an sgeulachd tharraingeach seo a’ leantainn dà theaghlach aig aon de na h-amannan as conspaideach ann an Alba. Nuair a tha beatha shìtheil an Urramach Walter Syme, ministear a tha na bhanntrach, air a chur bun os cionn le Teàrlach Gòrdan agus Marcas Hunndaidh, dithis Sheumasach, tha e air a tharraing a-steach don chòmhstri phoilitigeach agus chràbhach airson am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart a chur air rìgh-chathair Bhreatainn. Bhruidhinn sinn ri Graham Cooper mu na duaisean agus an leabhar aige as dèidh na duisean agus seo na bh’ aige ri ràdh:
Bha e na urram dhomh a bhith air m’ ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta ann an cuideachd iomadach sgrìobhadair chliùitich. Tha mi a’ toirt buidheachas do na britheamhan a mhol an nobhail agam, ‘Am Prionnsa’.
Tha freumhan domhainn aig an sgeulachd – bha mi nam bhalach nuair a chuala mi an toiseach mu na Gòrdanaich a bha a’ fuireach anns an sgìre seo anns an ochdamh linn deug. ’S e sgeul cudromach dhomh a tha ann agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri fhaicinn ann an leabhar.
Dè a tha romham a thaobh sgrìobhaidh? Chan eil mi buileach cinnteach ach bidh mi ri sgrìobhadh, gun teagamh. Is cinnteach gum bi rud air choreigin a’ glacadh m’ aire agus gam bhrosnachadh ann an ùine nach bi fada.
Tha sinn a’ deànamh fiughair mhòr ri na tha tighinn san àm ri teachd airson Shelagh agus Graham, agus sgrìobhadairean na Gàidhlig air feadh na dùthcha. Chuir Rody Gorman (buannaiche Duais Ruaraidh MhicThomais leis an leabhar bàrdachd aige ‘Sa Chnoc’) cuideam air cho cudromach sa tha e gum bi daoine a’ sgrìobhadh agus a’ deasachadh leabhraichean sa Ghàidhlig, an dà chuid bàrdachd agus rosg, gus Gàidhlig a chumail 'beò agus beòthail'. Tha na Duaisean Litreachais a’ soillseachadh tàlant ealanta agus cruthachail a tha chò làidir ann an saoghal na Gàidhlig sa bha e riamh. Abair tlachd an uiread de dhaoine fhaicinn a tha airson a’ tighinn còmhla gus seo a chotharrachadh gach bliadhna.