Le Mòrag Law
Nuair a thòisich mi ri sgrìobhadh gu cunbhalach, còrr is fichead bliadhna air-ais cha do dh’innis duine dhomh dè cho aonaranach ‘ s a bhiodh e. Thàinig sin nam inntinn o chionn ghoirid nuair a leugh mi airtigeal mu “resilience for writers” agus dè cho cudtromach ‘ s a tha e airson sgrìobhadairean a bhith a’ cumail misneachail is greimeil. Fiu’s nuair a tha iad a’ faireachdain nach eil mòran a’ tachairt a-thaobh an cuid sgrìobhadh , a’ cothachadh air uairean le briseadh-dùil nan aonar agus ag obair fath-leth ann am builgean beag leotha fhèin. Bha e feumail faighinn a-mach gu bheil sgrìobhadairean uile air an aon ràmh – ge b’e dè an suidheachadh no an cànan anns a bheil iad a’ sgrìobhadh.
Tha duilgheadasan sònraichte againne mar sgrìobhadairean Gàidhlig ge-ta. ‘ S ann glè ainneamh a tha prìomh-mheadhanan Beurla a’ dèiligeadh ri litreachas na Gàidhlig agus chan eil e furasta a bhith cumail misneachd suas nuair a tha thu a’ faireachdain à sealladh ri earrann mhòr a’ phobaill. Saoilidh mi gu bheil cruaidh fheum airson airtigealan, agallamhan no aithisgean Beurla mu litreachas na Ghàidhlig, gu h-àiridh aig an àm seo ‘s sgrìobhadh Gàidhlig air a dhol troimh nàdar de ath-bheothachadh.
Nuair a’ leugh mi an airtigeal slàn mu “resilience” thug e orm smaoineachadh mu na rudan a bhios mi fhèin a’ dèanamh airson mo chuid misneachd a’ cumail suas. B’ e aon de na molaidhean a bhith a’ feuchainn stuth ùr a’ sgrìobhadh ann an stoidhle a-mach as an àbhaist. Chuir sin nam chuimhne gun do rinn mi an dearbh rud nuair a dh’obraich mi ann an co-bhann le mo mhac – a’ sgrìobhadh sgriopt dà-chànanach (‘ A’ Siubhail gu h-aotrom/Travelling Light ‘) agus ga aithris mar phàirt de shreath fhiolmaichean ghoirid. A thuilleadh air an sin tha mi air a bhith a’ leudachadh na sgilean agam le bhith a’ sgrìobhadh “flash fiction” anns a’ Ghàidhlig – sgeulachdan nas lugha na còig ceud facail. Is a-nis tha mi a’ sgrìobhadh airson blog Luath Gàidhlig – rud nach do rinn mi riamh agus tha a’ còrdadh rium gu mòr.
Co-dhiùbh, tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche dhuinn mar sgrìobhadairean a bhith a’ toirt taic is brosnachadh dha chèile is a’ feuchainn ri “coimhnearsnachd sgrìobhadh” a’ thogail agus a’ chumail suas. Mar sin, bi mi a’ cleachdadh na meadhanan sòisealta airson faighinn a-mach dè tha a’ tachairt ann an saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd agus gu h-àiridh mu dè tha sgrìobhadairean eile ris. Tha e feumail cuideachd a bhith cuimhneachadh na buidhnean a’ tha daonnan taiceal is brosnachail ri sgrìobhadairean Gàidhlig, leithid CNL agus SBT. Tha mi a’ creidsinn gu bheil iadsan ag obair gu cruaidh airson “coimhnearsnachd sgrìobhadh” a’ cruthachadh – a-bharrachd air a h-uile rud eile a bhios iad a’ dèanamh air ar son.
Bi aonaranachd an-còmhnaidh an-luib sgrìobhadh ‘ s sinne ag obair air ar cinn fhèin – agus anns an saoghal againn fhèin. ‘S mathaid gu bheil am fuasgladh againn fhèin cuideachd - cumaibh misneachail, cumaibh neartmhor – agus cumaibh oirbh!