Tha cliù aig Graham Cooper airson na nobhailean eachdraidh aige a tha an dà chuid beòthail agus beò-ghlacmhor. Tha an nobhail ùr  ‘Am Prionnsa’ na theisteanas air seo agus an dòigh ealanta anns a bhios e a' sgrìobhadh mu thachartasan ann an eachdraidh. Bidh 'Am Prionnsa' ri fhaighinn sa Ghearran, 2025, ach, mus tèid an nobhail fhoillseachadh bha sinn airson còmhradh le Graham gus am b’ urrainn dha beagan innse mu dheidhinn fhèin. Seo an t-agallamh.

 

1. Innis dhuinn beagan mu do dheidhinn fhèin. 

Tha mi 71 bliadhna a dh'aois. Bha mi nam lighiche mus do leig mi dhìom mo dhreuchd. Thogadh mi ann an Siorrachd Obar Deathain agus 's ann an sin a tha mi a' fuireach an-dràsta, air oir a' mhonaidh. 


2. An robh sibh an-còmhnaidh a' sgrìobhadh sgeulachdan? 

Cha robh. Às dèidh an oilthigh, bha mi a' sgrìobhadh phàipearan-rannsachaidh mu obair-lannsa - nochd sreath dhiubh ann an clò ann an irisean bho 1984 a-mach. Thòisich mi air sgeulachdan goirid a sgrìobhadh nuair a bha mi nam oileanach air astar aig Sabhal Mòr Ostaig, eadar 2013 agus 2016.


3. Dè seòrsa leabhraichean a tha a' còrdadh ribh fhèin?

Leabhraichean-eachdraidh, nobhailean - tha mi a' leughadh 'Tess of the d'Urbevilles' le Thomas Hardy an-dràsta - eachdraidh-beatha, agus am Bìoball Gàidhlig.


4. Cò na h-ùghdarran as fheàrr leibh? / An d' thug ùghdar sònraichte sam bith buaidh oirbh nur cuid sgrìobhaidh?

'S e an t-Urr Coinneach MacLeòid nach maireann an sgrìobhadair as fheàrr leam. Thug na pìosan goirid (ann an eadar-theangachadh) a sgrìobh Robert Walser nach maireann, sgrìobhadair às an Eilbheis, buaidh mòr orm. 

 

5. Nach innis sibh dhuinn beagan mun leabhar 'Am Prionnsa'.

'S e nobhail eachdraidheil a tha ann, mu rudan a thachair ann an Siorrachd Obar Dheathain aig àm an ar-a-mach 1745 - a' leantainn sgeulachdan dà theaghlaich.


6. Ciamar a thàinig cuspair an leabhair thugaibh?

Chuala mi sgeul no dhà mu na caractaran anns an nobhail nuair a bha mi nam bhalach. Nuair a sgrìobh mi leabhran mu eachdraidh na paraiste o chionn bliadhna no dhà, fhuair mi an tuilleadh a-mach agus thàinig e a-steach orm gun robh sgeul cudromach, domhainn ri innse mun dà theaglach a bha aig cridhe a' ghnothaich.

Am Prionnsa

'Anns an Ògmhios 1745, tha muinntir gleann sìtheil Thulach Neasail, Siorrachd Obar Dheathain, a’ cluinntinn na naidheachd gu bheil am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air tighinn gu tìr an Èirisgeigh. Feumaidh an t-uachdaran Teàrlach Gòrdanach agus am ministear Ualtar Syme, banntrach le triùir nighean, roghainn a dhèanamh.

An toir iad an taic do na Seumasaich ann a bhith a’ glacadh Crùn Bhreatainn? Aig an aon àm air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, tha Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, a’ cumail sùil gheur air an ar-a-mach Sheumasach, mì-fhoighidneach gus am faigh e an sàs anns a’ chòmhraig. 

Chan fhada gus am bi saoghal nan Gòrdanach agus nan Symes air a thilgeadh bun os cionn.'