Le Graham Cooper

‘Read. Read. Read. Write. Write. Write.’ Sin a’ chomhairle a mhol Julia Jarman, ùghdar leabhraichean chloinne, do sgrìobhadairean ùra.

B’ e sgrìobhadair eile (gun ainm) a sgrìobh am mac-talla eirmseach. ‘Read! Read! Read! Plagiarise! Plagiarise! Plagiarise!’

Dhòmhsa, co-dhiù, tha facal a dhìth eadar ‘Leugh!’ agus ‘Sgrìobh!’ – ’s e sin ‘Cnuasaich!’

O chionn beagan bhliadhnaichean, bha mi a’ leughadh na nobhail eachdraidheil ‘Wolf Hall’ le Hilary Mantel. Dh’fhàg an sgeulachd làrach air m’ inntinn.

Bha mi air nobhailean eile leis an aon ùghdar a leughadh – nobhailean, leis an fhìrinn innse, nach do chòrd rium cho math. Tha cuimhne agam gun robh mi a’ meòrachadh air a’ cheist, ‘Dè a bh’ ann a bha eadar-dhealaichte mu dheidhinn “Wolf Hall”?’

An uair sin, thàinig e a-steach orm – ’s e a bh’ ann gun robh Hilary Mantel ag innse na sgeulachd anns an tràth làthaireach. Leis a’ chleachdadh seo, bha i a’ glacadh aire an leughadhair agus a’ cur ris a’ mhì-chinnt anns an sgeulachd – dè an taobh a rachadh cùisean?

Le sùil air ais, ma dh’fhaodte gum b’ e ‘Dracula’ le Bram Stoker a’ chiad leabhar a-riamh a chuir grìs orm. Chleachd an t-ùghdar litrichean, leabhar-latha Mina Mhoirich (tè de na caractaran) agus measgachadh de thràthan gus an sgeulachd aige a dhèanamh cho fìor ’s a ghabhadh. Is math a rinn e!

Bha seo agam nam chuimhne nuair a sgrìobh mi an nobhail ‘An Ròs a Leigheas’ – sgrìobh mi earrannan dhith mar gun robh e na leabhar-latha Thòmais, amadan an Rìgh Sheumais a Ceithir. Cha robh fhios aig Tòmas dè a bha air thoiseach air – bha an tràth làthaireach anns an leabhar-latha aige mar innleachd, a’ toirt a-steach faireachdainn de mhì-chinnt ged a bha deireadh a’ ghnothaich sgrìobhte ann an iomadach leabhar-eachdraidh.

Anns an nobhail eachdraidheil ùir agam, ‘Am Prionnsa’, bidh mi a’ cur an tràtha làthairich gu feum ann an cuid de na caibideilean, an dòchas gum bi seo a’ tarraing an leughadair a-steach dhan sgeulachd.