Le Maoilios Caimbeul
Thòisich mi a’ sgrìobhadh nuair a bha mi dusan bliadhna dh’aois. Saoilidh mi gu bheil sin caran òg airson dad ciallach a ràdh! agus ’s fhada on chuir mi teine ris na h-oidhirpean aotrom sin.
Rud a bha a’ dèanamh cùisean caran toinnte ’s e gun robh mi air mo chuairteachadh le dà chultar agus dà chànan. Gàidhlig anns an dachaigh agus anns a’ choimhearsnachd agus Beurla anns an sgoil. Gu mì-fhortanach, cha robh sinn a’ faighinn Gàidhlig san sgoil no cothrom a sgrìobhadh. Mar sin, ged a b’ urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn agus a leughadh cha b’ urrainn dhomh a sgrìobhadh gus an robh mi còrr math agus fichead.
Ach fad an t-siubhail bha mi mothachail gur e Beurla cànan na h-eanchainn agus Gàidhlig cànan a’ chridhe. Bha mi ag iarraidh sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus cho luath ’s a bha an comas sin agam ’s ann gu Gàidhlig a thionndaidh mi. Tha faireachdainn cudromach ann am bàrdachd agus bha e nas nàdarraiche agus nas fìora m’ fhaireachdainnean a chur an cèill sa chànan anns an deach mo thogail.
Tha a’ mhòr-chuid de na leabhraichean bàrdachd agam ann an Gàidhlig – no Gaidhlig agus Gaeilge – a-mhàin ach thug mi an aire, mar a bha na bliadhnaichean a’ dol seachad, gun robh bàird eile a’ taisbeanadh na leabhraichean aca ann an Gàidhlig ’s ann am Beurla. Bha sin a’ dùsgadh ceistean mòra, ceistean a th’ ann gus an latha an-diugh. Mar eisimpleir: Dè as cudromaiche - tòrr leughadairean a bhith agad, nach eil ’s dòcha ach a’ leughadh na h-eadar-theangachaidhean Beurla, no leabhraichean Gàidhlig a sgrìobhadh nach bi air an leughadh ach le glè bheag no le duine no dithis? Ach ma tha iad san dà chànan canaidh cuid, Cò i a’ phrìomh bhàrdachd? Gu h-àraidh mas e thu fhèin a rinn an t-eadar-theangachadh.
’S ma tha cultar agus litreachas Gàidhlig gu bhith ann idir, ged nach biodh ann ach saoghal beag, nach fheum e a bhith tro mheadhan na Gàidhlig? Tha na sgoiltean Gàidhlig a’ sealltainn, gu ìre mhòir no bhig, gun gabh e dèanamh. Ach ’s i a’ cheist an uair sin, An gabh sin (i.e., cùisean a bhith tro mheadhan na Gàidhlig) leudachadh gu ìre coimhearsnachd agus gu saoghal nan inbheach, gus am bi saoghal Gàidhlig coileanta ann? No a bheil aithne a bhith air no oirre ann an saoghal na Beurla na nì nas cudromaiche do sgrìobhadair Gàidhlig?
Tha tòrr cheistean eile tha fhios an lùib na ceiste, Am bu chòir bàrd Gàidhlig sgrìobhadh ann am Gàidhlig agus Beurla no ann an Gàidhlig a-mhàin? Bidh a h-uile bàrd Gàidhlig, a tha a’ sgrìobhadh nuadh-bhàrdachd, tha mi cinnteach a’ cur na ceist sin orra fhèin.