Graham Cooper
Dà Shamhradh ann an Raineach
Seo agaibh agallamh a rinn sinn còmhla ri Graham Cooper bhon a chaidh a’ chiad leabhar aige, Dà Shamhradh ann an Raineach, a chur air bhog. Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr gu bheil e ri fhaighinn an-dràsta!
Abair gur e leabhar inntinneach a th’ ann air a sgrìobhadh gu grinn agus a tha a’ toirt iomradh air beatha an t-sàr Ghàidheil, Dùghall Bochanan.
’S dòcha nach aithnich thu ainm an ùghdair leis gur e seo a’ chiad nobhail aige. Mar sin, bha sinn an toiseach airson faighneachd an innseadh e beagan dhuinn mu dheidhinn fhèin:
“Uill, tha mi 66 bliadhna a dh’aois. Rugadh mi ann an Obar Dheathain fhèin ach thogadh mi ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh mi dhan oilthigh, thug mi a-mach ceum mar dhotair agus chur mi seachad mo dhreuchd phroifeiseanta mar lannsair ann an Alba, ann an Sasainn, ann an Èirinn a Tuath, agus ann an Napal airson 6 mìosan. Ach, leig mi dheth mo dhreuchd o chionn ochd bliadhna. Mus do leig mi dheth mo dhreuchd, thòisich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh. An toiseach, bha mi ag obair le leabhraichean gràmair agus an uair sin chaidh mi gu na clasaichean oidhche ann an Obar Dheathain a chaidh a stèidheachadh le club Gàidhlig Obar Dheathain. An uair sin, rinn mi cùrsa no dhà aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha mi fhathast a’ gabhail pàirt ann an tachartasan Club Gàidhlig Obar Dheathain an-dràsta agus an sàs anns na rudan a tha a’ dol ann an Obar Dheathain agus siorrachd Obar Dheathain.”
Rud a bha glè inntinneach, ’s e nach b’ e Gàidhlig an cànan dùthchasach aige. ’S mar sin, bha sinn airson faighneachd dè thug air a bhith ag ionnsachadh:
“Nuair a bha mi nam bhalach ann an siorrachd Obar Dheathain, bha mi air mo bheò-glacadh leis na h-ainmean àite Gàidhlig a bha timcheall orm aig an àm. Tha mi a’ fuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain a-nis agus ’s e ainmean Gàidhlig a bh’ anns na h-àiteachan timcheall oirnn bho thùs. ’S e sin a’ chiad adhbhar.
Chuala mi Gàidhlig air an rèidio nuair a bha mi òg, Calum Ceanadach mar eisimpleir! Cha robh Gàidhlig aig mo phàrantan. Dh’ionnsaich mi beagan mu chànanan aig an àrd-sgoil, rinn mi Laideann agus fhathast tha cuimhne agam air beagan gràmair. Bha sin na chuideachadh dhomh. Ach, fad mo bheatha tha ùidh air a bhith agam ann an cànanan. Sin an t-adhbhar gun do thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh.
A-nist, beagan mu dheidhinn an leabhair! Anns a’ chiad dol a-mach, dh’fhaighnich sinn do Graham carson a sgrìobh e an leabhar:
“Tha mòran ann air cùlaibh a’ ghnothaich. Aig an toiseach, ann an 2016 bha mi a tighinn gu crìoch air a’ chùrsa agam aig Sabhal Mòr Ostaig agus bha agam ri aiste a sgrìobhadh. Rinn mi co-dhùnadh gun sgrìobhainn aiste mu eachdraidh Ghàidhlig ann an siorrachd Pheairt. Nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson na h-aiste sin, leugh mi airson a’ chiad uair mu bheatha Dhùghaill Bhochanain. Bha grunn eachdraidh beatha ann mu Dhùghaill Bhochanain ach bha mi ag aithneachadh gu robh sgeulachd chudromach air cùlaibh na bha sgrìobhte anns na leabhraichean sin.
Chaochail Dùghall nuair a bha e 52 ann an suidheachadh brònach. Mus do chaochail e, rinn e obair mhòr air bàrdachd agus chuir e gu mòr ris a’ chiad tiomnadh den Tiomnadh Nuadh bhon Ghreugais gu Gàidhlig na h-Alba, a nochd ann an 1767. Thàinig galar gabhaltach, marbhtach gu Ceann Loch Raineach far a robh e fhèin agus a theaghlaich a’ fuireach aig an àm. Rinn an tinneas sin sgrios air an teaghlach aige. ’S ann às sin a tha an tiotal a’ tighinn – Dà Shamhradh ann an Raineach. An rud a bhuail orm, nuair a bha mi a’ leughadh mu dheidhinn na thachair ann an Ceann Loch Raineach – ’s e ciamar a thàinig bean Dhughaill, Mairead, thairis air. Bha ise beò airson còrr is 40 bliadhna an dèidh bàs Dhùghaill. Fhuair i foghlam agus bha i gu math comasach anns a h-uile dòigh. ’S mar sin, rinn mi co-dhùnadh an sgeulachd a sgrìobhadh bho shealladh Mairead le sùil air ais air na thachair na beatha fhèin. Bha sin cudromach dhomh, bha mi ag iarraidh sgrìobhadh le sùil air ais air na rudan a thachair ann an beatha an teaghlaich aig Dùghall agus aig Mairead.”
An tug e fada an leabhar a sgrìobhadh?
“An dèidh dhomh an aiste a sgrìobhadh ann an 2016, thàinig an smaoin thugam gun sgrìobhainn nobhail. Cha do sgrìobh mi ach 250 facal anns an aiste agus bha agam ri sgrìobhadh 500,000 airson na nobhail! Bha mi airson sgriobt na nobhail a chur a-steach airson duais Dhòmhnaill Meek ann an 2018. B’ e sin ceann-bliadhna bàs Dhùghaill, 250 bliadhna bhon a chaochail e. Mar sin, bha mi ag obair gu cruaidh eadar 2016 agus 2018.
B’ e obair mhòr a bh’ ann agus chaill mi mo mhisneachd còrr is uair. Aig an àm, bha mi a’ dol gu na clasaichean oidhche ann an Obar Dheathain agus ‘s e Mairead NicÌomhair an tidsear. Bhrosnaich Mairead mi gu bhith a’ cleachdadh mo Ghàidhlig. Sgrìobh mi sgeulachd ghoirid ann an 2017 mar thoradh air a’ bhrosnachaidh sin. Choisinn mi duais Dhòmhnaill Iain MhicÌomhair aig a’ mhòd. Mar sin, bha mi a’ creidsinn gum bithinn comasach air nobhail a sgrìobhadh. Ach, b’ e obair mhòr a bh’ ann agus chur mi seachad trì bliadhna uile gu lèir. Rinn mi rannsachadh airson bliadhna gu leth agus sgrìobh mi dreachd air an leabhar. Uill, rinn mi sgeigearachd fad an t-samhraidh! Thòisich mi aig 6 uair sa mhadainn agus bha mi a’ sgrìobhadh a’ chiad char sa mhadainn. Rinn mi mo dhìcheall agus rinn Mairead NicÌomhair an sgriobt agus chuidich i ann a bhith a’ ceartachadh mearachd no dhà no trì a bha ann! Chuir mi a-steach airson duais Dhòmhnaill Meek ach cha d’ fhuair mi air a ghèarr-liosta idir. B’ e farpais uabhasach cruaidh a bh’ ann. Co-dhiù, rinn mi foillseachadh air le Luath Press agus sin dìreach mar a thachair e!”
’S cinnteach gu bheil an sgeulachd seo aig Graham mar bhrosnachadh don òigridh is gu h-àraidh dhaibhsan a tha nan luchd-ionnsachaidh! ’S mar sin, bha sinn airson faighinn a-mach dè a’ chomhairle a bheireadh e do sgrìobhadairean Gàidhlig ùra:
“Uill, tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh anns a Bheurla airson 40 bliadhna ’s dòcha agus mar sin tha mi cleachdte ri bhith a’ sgrìobhadh.
‘S leis an sin, an rud as cudromaiche – dh’fheumadh tu sgrìobhadh! An aon rud a dh’ fheumas tu a dhèanamh, ‘s e sgrìobhadh a th’ ann. Sgrìobh! Toisich air a’ ghnothaich!”
Sin agaibh e! Feuch gun ceannaich sibh an leabhar iongantach seo, siuthad!