Bruidhinn sinn le Graham Cooper às dèidh dha duais litreachais a chosnadh aig a’ Mhòd airson ‘An Ròs a Leigheas’ agus fhuair sinn barrachd a-mach mun nobhail sin agus mun t-slighe agus phròiseas sgrìobhaidh aige. Seo an t-agallamh:

 

Choisinn sibh an duais airson an leabhair as fheàrr dha inbhich aig a’ Mhòd Nàiseanta an t-seachdain sa chaidh. Ciamar a tha sibh a’ faireachdainn mu dheidhinn?

Tha mi air mo dhòigh ghlan. ’S e urram mòr a th’ ann dhomh a bhith a’ cosnadh na duais. Cha robh mi an dùil ris idir, gu h-onarach. Chuir e iongnadh orm nuair a fhuair mi an naidheachd gun robh mi air an duais a chosnadh.

 

An e seo a’ chiad duais a choisinn sibh nur beatha?

Chan e. Sgrìobh mi sgeulachd ghoirid èibhinn ann an 2017 agus choisinn mi Duais Dhòmhnaill Iain Mhic Ìomhair airson na sgeulachd goirid as fheàrr aig a’ Mhòd anns a’ Ghearasdan. Sin a’ chiad duais a choisinn mi ann an sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig. Tha e uabhasach math gun robh an sgeulachd ghoirid agus an nobhail ‘An Ròs a Leigheas’ a’ còrdadh ris na britheamhan. Tha mi cho taingeil dhaibh agus cho toilichte gun do mheas iad an leabhar a bhith airidh air moladh.

 

Dè an t-slighe a ghabh sibh a thaobh sgrìobhadh? An robh sibh an-còmhnaidh a’ sgrìobhadh? Dh’ionnsaich sibh a’ Ghàidhlig mar inbheach, an robh e gu math follaiseach dhuibh gum biodh sibh a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig?

Tha eachdraidh fhada agam ann an sgrìobhadh, ann an dòigh. ’S e lannsair a bh’ annam agus thoisich mi air mo dhreuchd anns na seachdadan agus aig an àm sin bha e cudromach, nan robh thu airson adhartas a dhèanamh san dreuchd lannsaireachd, rannsachadh a dhèanamh ann an laboratoraidh agus toraidhean an rannsachaidh fhoillseachadh. Mar sin, thòisich mi a’ sgrìobhadh agus nochd a’ chiad artaigil a sgrìobh mi ann an iris lannsaireachd ‘The British Journal of Surgery’ ann an 1982, anns a’ Bheurla. Bha mi a’ sgrìobhadh pìosan saidheansail cha mhòr a h-uile bliadhna. Chaidh an artaigil mu dheireadh agam mu obair-lannsa fhoillseachadh ann an 2011. Mar sin, tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh fad mo bheatha phroifeasanta.

 

Tha artaigilean acadamaigeach gu math eadar-dhealaichte bho nobhailean. Cuin a thòisich sibh a’ sgrìobhadh ficsean?

Cha do sgrìobh mi ficsean on a bha mi anns an àrd-sgoil, ach rinn mi An Cùrsa Inntrigidh agus an uair sin An Cùrsa Adhartais air astair aig Sabhal Mòr Ostaig agus, anns na measaidhean, bha agam ri pìosan beaga a sgrìobhadh sa Ghàidhlig; ficsean no neo-fhicsean turas mu seach. Mar sin, sgrìobh mi sgeulachd no dhà fhad ’s a bha mi ris a’ chùrsa agus chòrd e rium a bhith a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig. Bha mi a’ dol do na clasaichean oidhche ann an Obar Dheathain cuideachd agus ’s e Mairead NicÌomhair an tidsear a bh’ agam aig an àm is bha i ga mo bhrosnachadh ann a bhith a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig.

Nuair a rinn mi am pròiseact mu dheireadh airson a’ Chùrsa Adhartais, sgrìobh mi mu dheidhinn eachdraidh Ghàidhealach Bhoth Chuidir ann an Siorrachd Pheairt agus leugh mi mu Chalum MacLeòid nuair a bha mi ag obair air an aiste sin. ’S ann mu dheidhinn-san a bha a’ chiad sgeulachd Ghàidhlig agam a chaidh fhoillseachadh. ’S e pìos neo-fhicsean dà-chànanach mu eachdraidh-bheatha a bh’ ann agus nochd e ann an cuairt-litir a’ Chomuinn Ghàidhealaich. ’S e Mairead NicÌomhair a chuidich mi le sin. An uair sin chuir mi an sgeulachd a-steach dhan fharpais aig a’ Mhòd agus choisinn mi an duais airson sgeulachd ghoirid.

Bha sin na bhrosnachadh mòr mòr dhomh. An latha a fhuair mi an naidheachd gun do choisinn mi Duais Dhòmhnaill Mhic Ìomhair ann an 2017, chuir mi romham nobhail a sgrìobhadh mu Dhùghall Bochanan. Tha ceangal eadar Both Chuidir agus Dùghall Bochanan cuideachd agus leugh mi an toiseach mu dheidhinn Dùghall Bochanan nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh airson na h-aiste.

 

’S e ceum mòr a th’ ann  dol bho sgeulachd ghoirid gu nobhail. An robh e doirbh dhuibh nobhail a sgrìobhadh?

Bha e doirbh ann an dòigh, ach thairis air na bliadhnaichean tha mi air mòran rudan a thasgadh nam inntinn, rudan mu nàdar mac an duine, agus bha mi airson sgrìobhadh mun deidhinn. Thug nobhail eachdraidheil co-theacsa dhomh anns am b’ urrainn dhomh mo bheachdan a chur an cèill air iomadh cuspair. ’S e ‘vehicle’ a bh’ ann.

Thoisich mi a’ leughadh mu Dhùghall Bochanan as t-earrach ann an 2016, nuair a chuir mi crìoch air a’ Chùrsa Adhartais, agus nochd an leabhar ann an 2019. Chaidh na bliadhnaichean seachad agus bha mi a’ faighinn stuth a bha freagarrach don leabhar fad na h-ùine. Tha seòrsa de structar ann a bhith a’ sgrìobhadh nobhail: tha toiseach ann agus tha deireadh ann, agus bidh smaointean a’ dol eadar an toiseach agus an deireadh. Ann an dòigh tha e mar jigsaw puzzle: tha pìosan a’ dol an siud ’s an seo agus sin mar a bha. Bha structar agam nam inntinn airson na nobhail an toiseach agus rinn mi beagan rannsachaidh air ciamar a sgrìobhadh tu nobhail.

 

An robh dùbhlain shònraichte an lùib a bhith a’ sgrìobhadh nobhail eachdraidheil, leis gur ann mu dheidhinn dhaoine a bha ann dha-rìreabh a sgrìobh sibh?

Tha stuth eachdraidheil ann mu Dhùghall Bochanan, ach chanainn-sa gu bheil sgaradh mòr ann eadar sin agus nobhail. Bha agam ri mo mhac-meanmna a chleachdadh gus feòil a chur air na cnàmhan. Bha sreath de ‘facts’ ann ach bha agam ri stòiridh a chruthachadh agus na charactaran a dhèanamh beò don leughadair. Sin an dùbhlan ann a bhith a’ sgrìobhadh nobhail sam bith: a bheil na caractaran fìor, a bheil na caractaran tarraingeach? Chruthaich mi pearsantachd Dhùghaill Bhochanain agus chruthaich mi caractaran ficseanail nuair a bha beàrn ann san stòiridh. Far nach robh fìrinn ann, chruthaich mi caractaran agus tachartasan.

 

Nach innis sibh beagan mu dheidhinn ‘An Ròs a Leigheas’?

Ann an 1513 bha an Rìgh Seumas a Ceithir a’ deasachadh an airm aige a dhol a chogadh an aghaidh Sasainn. Bha freumhan domhain air cùlaibh seo: bha an rìgh an sàs ann am poilitigs na Roinn Eòrpa aig an àm agus bha e air an seann chaidreachas eadar Alba agus an Fhraing, a bha a’ dol air ais linntean, ath-nuadhachadh. Nuair a thug an Rìgh Eanraig Tudor ionnsaigh air na Fraingich, b’ fheudar dhan Rìgh Seumas a Ceithir ionnsaigh a thoirt air Sasainn, mar thoradh air an t-seann chaidreachas.

Mar sin, bha an rìgh a’ deasachadh an airm, ach nochd taibhse, ma b’ fhìor, air a bheulaibh nuair a bha e ann an Eaglais Naoimh Eòin ann an Gleann Iucha. Thug an taibhse rabhadh dhan rìgh gun a bhith a’ dol dhan chogadh idir agus nach rachadh cùisean gu math dha nan rachadh e an aghaidh Sasainn. Chuir sin an rìgh troimh-a-chèile. ’S e duine cràbhach a bh’ ann, ach duine saobh-chràbhach cuideachd. Rinn e an co-dhùnadh gun rachadh e air taistealachd a dh’eaglais Naoimh Dhubhthaich ann am Baile Dhubhthaich. Bha e airson ’s gum biodh eadar-ghuidhe an naoimh aige air blàr a’ chogaidh. Na chuideachd bha Eanraig Leich, an lighiche pearsanta aige, agus Tòmas Moireibh, an t-amadan a b’ fheàrr leis. Tha an triùir charactar sin an teas-meadhan na sgeulachd fad na slighe agus tha an rìgh agus a chuideachd a’ dol gu tuath tro Pheairt, Obar Bhrothaig, Obar Dheathain, Hunndaidh, Spiothain, gu Baile Dhubhthaich. Fhad ’s a tha sin a’ dol air adhart tha mi a’ sgrìobhadh beagan mu dheidhinn eachdraidh, mu dheidhinn meòrachadh an rìgh agus mu bheatha Eanraig Leich.

An dèidh seirbheis ùrnaigh ann am Baile Dhubhthaich, anns an dàrna pàirt dhen nobhail, tha iad ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann. Tha iad a’ dol gu luath gu deas gu Blàr Flodden agus tha an ceòl a’ dol air feadh na fìdhle: tha an rìgh air chall, na aonar; tha an tìde mosach: uisge, uisge, uisge; tha briseadh-dùil aca aig Caisteal Ford far an do bhrath Lady Heron iad; tha an t-Iarla Surrey a’ toirt car às an rìgh. Tha a h-uile rud a’ dol ceàrr.

Tha an nobhail a’ tighinn gu crìoch aig toiseach a’ bhlàir agus chan eil mòran mun bhlàr fhèin ann, dìreach gu bheil iad a’ dol sìos am bruthach a dh’ionnsaigh nan loidhnichean Sasannach, ach tha iar-fhacal ann a’ mìneachadh na thachair. Chaill na h-Albannaich am beatha, bha casgradh uabhasach ann. Fhuair còrr is deich mìle bàs air blàr a’ chogaidh. Fhuair còrr is trì ceud de na h-uaislean bàs. Fhuair Rìgh Seumas a Ceithir bàs.

Tha cuid de dh’eachdraichean den bheachd gun robh buaidh mhòr aig a’ bhlàr air eachdraidh na h-Alba. Thachair e beagan bhliadhnaichean ron Ath-leasachadh, mar eisimpleir, agus bha na h-uaislean Caitligeach air an sgrios aig Blàr Flodden. Mar sin, is dòcha gun do dh’fhosgail e slighe an Ath-leasachaidh, agus slighe aonachd le Sasainn. Bha buaidh mhòr mhòr, am beachd cuid, aig Blàr Flodden. Rud eile a dh’fheumas mi a ràdh: thathar a’ smaoineachadh gur e an Rìgh Seumas an rìgh Albannach mu dheireadh aig an robh Gàidhlig, is mar sin chan eil e cho faoin a bhith a’ sgrìobhadh mu dheidhinn sa Ghàidhlig.

 

Ciamar a thàinig an cuspair airson ‘An Ròs a Leigheas’ thugaibh?

Bha mi a’ gabhail m’ anail airson greis an dèidh ‘Dà Shamhradh ann an Raineach’ a nochdadh ann an clò. Oidhirp mhòr a bh’ ann, mar a thuigeadh tu. Bha mi a’ smaoineachadh gun sgrìobhainn sgeulachd ghoirid èibhinn air a’ bhall-coise leathair a chaidh a lorg ann an an caisteal Shruighlea am measg nan cabaran. Sgrìobh mi sin, agus ’s e còmhradh a bh’ ann eadar an Rìgh Seumas a Ceithir agus an t-easbaig William Elphinstone.

Thàinig e a-steach orm gun robh sgeulachd mhòr an-seo ri innse a bha fada ro chudromach airson sgeulachd ghoirid agus leugh mi leabhar eachdraidheil mun easbaig William Elphinstone agus leabhar eile mun Rìgh Seumas a Ceithir. Cha robh mi cho eòlach air eachdraidh Bhlàr Flodden idir ged a b’ e Flodden an call a b’ uabhasaiche, a bu mhotha, a thachair a-riamh air blàr a’ chogaidh eadar Alba is Sasainn.

Mar a thachair, bha mi a’ leughadh mu na Peutanaich, lighichean cliùiteach na Gàidhealtachd, agus bha dìreach dà sheantans anns an leabhar throm seo mu Eanraig Leich, ag ràdh gun deach e a dh’Oilthigh Ghlaschu, gun tug e ceum MA a-mach, gun robh e na lighiche pearsanta don Rìgh Seumas a Ceithir agus gun d’ fhuair e bàs còmhla ris an rìgh aig Blàr Flodden, agus sin na bh’ agam. Leugh mi càrn leabhraichean mu eachdraidh na roinn Eòrpa is eachdraidh obair-lannsa san 16mh linn, agus chruthaich mi eachdraidh-bheatha Eanraig Leich. ’S e ficsean a th’ ann ach tha e stèidhichte air an fhìrinn. Dh’fhaodadh a bhith gur ann mar sin a thachair e. Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ rannsachadh agus a’ sgrìobhadh sin. ’S e àm cudromach a bh’ ann; bha obair-lannsa a’ tighinn às an dorchadas anns an robh e anns na meadhan-aoisean.

 

Tha sibh air dà nobhail eachdraidheil a sgrìobhadh. Am bi sibh a’ sgrìobhadh diofar seòrsa sgeulachdan cuideachd no an e ficsean eachdraidheil an gnè litreachais as fheàrr leibh?

Bha rudan trom air m’ inntinn fhèin an dèidh dhomh mo bheatha a chur seachad ann an obair lannsaireachd agus ag obair còmhla ri daoine anns na h-ospadalan mòra. Bha e mar seòrsa therapy dhomh a bhith a’ sgrìobhadh agus a bhith a’ meòrachadh agus a’ sgrìobhadh air cuspairean mòra mar ciont, dìlseachd, agus dìcheall ann an obair-lannsa. Thug e ceithir bliadhna dhomh ‘An Ròs a Leigheas’ a sgrìobhadh agus ann an dòigh tha mi air dèiligeadh ris na cuspairean mòra a bh’ agam nam cheann agus a-nist tha mi toilichte a bhith a’ sgrìobhadh pìosan goirid.

An-diugh bidh mi a’ sgrìobhadh blogs airson na làrach-lìn agam. Tha measgachadh de sgeulachdan ann: sgeulachd no dhà a tha stèidhichte air eachdraidh, sgeulachd no dhà a tha coltach ri ‘fable’ le ainmhidhean a’ bruidhinn ri chèile, agus tha rudan ann a thàinig às mo mhac-mheanmna a’ dèiligeadh ri cuspairean a tha cudromach dhomhsa, mar an àrainneachd agus nàdar mac an duine. Sin na cuspairean a thig am bàrr a-rithist is a-rithist anns na sgeulachdan agam.

Tha mi ag obair air rudan eile cuideachd. Nuair a bha mi air an radio o chionn mìos bha Cathy Bhàn gam bhrosnachadh a bhith a’ sgrìobhadh pìosan meidigeach is tha mi ag obair air aistean beaga air na leasanan a dh’ionnsaich mi mar lannsair, mar seòrsa de dh’eachdraidh-bheatha

Mòran taing a-rithist airson bruidhinn rinn!