An t-seachdain seo, bhruidhinn sinn ri Maoilios Caimbeul, bàrd, sgeulaiche, agus ùghdar an leabhair ùir, 'Moilidh agus Doilidh'. Seo an t-agallamh!

 

  1. Innis dhuinn beagan mur deidhinn fhèin

 

Rugadh agus thogadh mi sna h-Eileanan, Leòdhas agus An t-Eilean Sgitheanach, ach greiseag an Gleann Eilg cuideachd. An obair a bh’ aig m’ athair, bha e ga thoirt bho àite gu àite. Thòisich mi a’ sgrìobhadh - ann am Beurla - nuair a bha mi nam dheugaire. Rannan agus ‘bàrdachd’ mas fhìor! Ged a b’ urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn agus a leughadh, cha do thòisich mi ga sgrìobhadh gus an robh mi tighinn suas gu deich air fhichead. An t-adhbhar airson sin ’s e nach d’ fhuair mi Gàidhlig san sgoil. ’S e sgil eadar-dhealaichte a th’ ann an sgrìobhadh bho bhruidhinn agus leughadh.

Ach aon uair ’s gun robh an comas agam Gàidhlig a sgrìobhadh, sin an cànan a chleachd mi. Thòisich mi a’ sgrìobhadh nobhailean goirid do chloinn cho math ri bàrdachd. A’ chiad nobhail chloinne a sgrìobh mi, ’s e Clann a’ Phroifeasair a chaidh fhoillseachadh le Gairm.

 

2.   Innis dhuinn beagan mun leabhair.

 

’S e nobhail ghoirid a th’ ann am Moilidh agus Doilidh. ’S ann do dh’òigridh a tha i, ach leis na tha ann de dh’fhiosrachadh mu na fuadaichean dh’fhaodadh gum biodh ùidh aig inbhich innte cuideachd.

Tha dà sgeulachd air an snìomh còmhla san leabhar, an sgeulachd aig Moilidh agus Doilidh fhèin, mar a  tha a’ tachairt dhaibh nam beatha, uaireannan caran èibhinn, agus sgeulachd nam fuadaichean bho shealladh nan caorach. Tha Doilidh, an t-seann chaora, ag innse do Mhoilidh, an t-uan glic, mu dè a thachair ann an iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd, gu h-àraidh anns an naoidheamh linn deug, aig àm nam fuadaichean. ’S e sgeul muladach a th’ann agus ’s e deuchainn a th’ ann dha Moilidh aig  amannan a bhith ag ionnsachadh bho Dhoilidh. Nach math gu bheil caraid aice, Scot an cù glic, dham faod i a h-uile càil innse.

 

3.   Dè thug oirbh an leabhar seo a sgrìobhadh? / Carson a bha e cudromach dhuibh leabhar cloinne mar seo a sgrìobhadh?

 

Far a bheil mi a’ fuireach, tha e làn chaoraich agus thàinig an smaoin thugam gum biodh e math sgeulachd nam fuadaichean innse bho shealladh nan caorach, mas fhìor gum biodh caora a’ bruidhinn agus ag innse na sgeulachd. Agus mas fhìor gun robh Scot, an cù, a’ tuigsinn cuideachd na bha a’ tachairt. Bha na còmhraidhean eadar Moilidh agus Scot a’ toirt cothrom bruidhinn air iomadh cuspair, dè an dreuchd a bh’ aig cù agus caora agus mar sin air adhart.

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu bheil fios aig an òigridh air dè a thachair aig àm nam fuadaichean. Thug na fuadaichean leithid de bhuaidh air a’ Ghàidhealtachd agus tha a’ bhuaidh sin ri fhaicinn ’s ri fhaireachdainn fhathast. Bha mi ag iarraidh an sgeulachd innse ann an dòigh a bhiodh tarraingeach do dh’òigridh agus a chumadh an aire.

 

4.   An robh dùbhlain shònraichte an lùib a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachd mar seo?

 

Bha dùbhlain ann ceart gu leòr. ’S e an dùbhlan bu mhotha a bhith ag innse na h-eachdraidh gu fìrinneach dìreach mar a thachair e. Bha agam ri tòrr rannsachaidh a dhèanamh, oir thachair na fuadaichean ann an iomadh eilean agus sgìre agus bha mòran uachdarain an sàs annta.

 

5.   Tha cuspairean gu math domhainn a’ nochdadh san leabhar; an innis sibh dhomh ciamar a bha e a bhith sgrìobhadh mun deidhinn - gu h-àraidh ann an dòigh a tha freagarrach do chloinn/ dh’oigridh?

 

Ma tha beathaichean a’ bruidhinn ri chèile, ’s e rud spòrsail a th’ ann, rud do-chreidsinn cuideachd. Tha e a’ dèanamh cuspair trom mar na fuadaichean beagan nas aotruime. Tha sgeulachd do-chreidsinneach a’ ruith còmhla ri sgeulachd a tha fìor. Saoilidh mi gu bheil sin ga dhèanamh beagan nas fhasa do chloinn dèiligeadh ri cuspair duilich mar na fuadaichean.

 

 

6.   An robh sibh daonnan airson a bhith nur sgrìobhadair?

 

Tha e neònach a ràdh ach bha, bha mi ag iarraidh a bhith nam sgrìobhadair on bha mi nam dheugaire. Aig an àm bha mi a’ leughadh bàird mar Keats agus Wordsworth agus thug iad buaidh mhòr orm. Ach an uair sin dh’èirich a’ cheist, am bu chòir dhomh sgrìobhadh ann an Gàidhlig no Beurla. Aig a’ cheann thall (nuair a dh’ionnsaich mi Gàidhlig a sgrìobhadh) roghnaich mi Gàidhlig.

 

7.   An innis sibh dhomh beagan mu dheidhinn ur pròiseas sgrìobhaidh?

 

A thaobh bàrdachd, nuair a bha mi na b’ òige bhiodh dàn a’ tighinn thugam, cha mhòr gun iarraidh. Bhithinn a’ smaoineachadh air cuspair agus dòcha gun tigeadh a’ chiad loidhne thugam agus dh’èireadh an còrr den dàn a-mach à sin. Bhiodh ceistean an-còmhnaidh nam inntinn agus glè thric b’ ann às na ceistean sin a bhiodh dàn ag èirigh. A-nis, chan eil sin cho buailteach tachairt, feumaidh mi cur romham dàn a sgrìobhadh.

A thaobh nobhail, bidh mi a’ sgrìobhadh plana den phlot ro làimh, ged a dh’fhaodas e atharrachadh mar a tha mi a’ dol air adhart. Cuideachd, nì mi geàrr-chunntas air na caractaran gus am bi deagh bheachd agam cò ris a tha iad coltach nam pearsa  agus na inntinn. Ach ’s e an sgrìobhadh fhèin a tha cudromach, mar a tha thu a’ sgrìobhadh tha sin a’ cruthachadh na sgeulachd.

 

8.   Nur beachd, dè an teachdaireachd as cudromaiche do leughadairean na sgeòil?

 

An seòrsa leabhar a th’ ann, tha e na mheasgachadh de fhicseanagus de dh’eachdraidh. Tha e cudromach gum bi an leughadair a’ creidsinn na h-eachdraidh ged a tha an leabhar ann an riochd ficsean.

 

Tapadh leibh, a Mhaoilios!