Edition: Paperback

ISBN 9781804250877
Shortlisted for The Highland Society of London Prize for Best Fiction Book at The Gaelic Literature Awards 2023.

Our Ebooks are powered by Glassboxx
Click here to learn about our Ebooks.

About the Book: 

Tha sinn ann an eathar beag an cuideachd sianar Arannach air an t-slighe gu bhith a' suidhe air an diùraidh aig cùirt an t-seisein ann an Inbhir Aora. Cho luath ’s a dh’fhàgas an t-eathar an cidhe aig Tràigh a' Chaisteil ann an Arainn teannaidh rudan ri dhol ceàrr, togaidh conas ceann is na chois thig peacaidhean nam fear am follais.

Thèid ar toirt cuairt tro cheann iar-dheas na Gàidhealtachd mar a bha i aig toiseach an 19mh linn nuair bha an sgìre a' tighinn fo bhuaidh atharrachaidhean mòra an t-saoghail, dìreach ro àm nam fuadaichean. Tha dàn gach caractair an eisimeil nan atharrachaidhean seo is mar a ghabhas iad riutha còmhla.

An ruig na fir a' chùirt ann an tìde is ma ruigeas am bi e an comas dhaibh breitheanas a thoirt a-mach air an co-chreutairean le cogais ghlan?

 

We are in a small boat in the company of six Arran men on their way to sit on the Jury at the Court of Session in Inverary. No sooner has the boat left Brodick in Arran than things start to go wrong and in the conflict that arises the men begin to reveal their own sins.

Travelling through the South-west corner of the Gealtacht in the early 19th century we get a flavour of life in the area before it would be altered for ever under the influence of the great changes happening in the wider world. Each character's fate is bound in different ways to these changes and how they deal with them together.

Will the group manage reach the court in Inverary and if the do will they be competent to judge their fellow men with clear consciences?

 

About the Author:

Tha Alistair Paul stèidhichte air Eilean Arainn, is e a’ fuireach ann an Breadhaig. ’S ann à Glaschu a tha e bho thùs, ach ’s e an ùidh a bh’ aige ann an eachdraidh agus cultar Eilein Arainn a thug air a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Le barrachd tuigse sa chànan, thòisich e ri sgeulachdan agus bàrdachd a sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Cleachdaidh e dòighean-obrach traidiseanta, a tarraing à dualchas an eilein gus na sgeulachdan eireachdail aige a chruthachadh. Bhuannaich an obair aige duais Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich ann an 2020 agus bhuannaich e Duais Sgrìobhadairean Ùra sa Ghàidhlig bho Chomhairle nan Leabhraichean agus an Scottish Book Trust ann an 2018.

Bidh e a’ sgrìobhadh aistidhean, bàrdachd agus lèirmheasan anns an iris air-loidhne Dàna. Nuair nach eil e a’ sgrìobhadh, tha e ag obair mar ghàirnealair agus a’ cluich na fìdhle ann an còmhlan cèilidh.

Alistair Paul is based in the Isle of Arran, and lives in Brodick, although he is originally from Glasgow. His fascination with Arran’s history and culture prompted him to learn Gaelic. His enthusiasm for the language blossomed, developing his connection with Gaelic creative writing. He is interested in traditional story-telling techniques and weaves these into contemporary themes in his short stories. He won the Best Unpublished Manuscript for Adults at the Gaelic Literature Awards 2020 and in 2018 was awarded the Gaelic New Writers Award by the Gaelic Book Council and Scottish Book Trust.

 He also writes essays, poetry and reviews for the online Gaelic magazine, Dàna. While he is not busy writing, he works as a landscape gardener and plays the fiddle in a cèilidh band.