Cailèideascop

Daibhidh Eyre (David Eyre)

Regular
£7.99
Sale
£7.99
Regular
£7.99
Temporarily Out of Stock
Unit Price
per 

Edition: Paperback

ISBN 9781912147120

Our Ebooks are powered by Glassboxx
Click here to learn about our Ebooks.

About the Book: 

Tha Angela NicilleDhuinn air seann leabhar a lorg – leabhar a bhuineadh do Dhaibhidh Brewster, an neach-saidheans Albannach a chruthaich an cailèideascop. Tha i air a chleachdadh gus ionnsramaid ùr nodha a chruthachadh, a tha a’ dèanamh follaiseach na ceanglaichean brèagha eadar gach nì – agus gach duine – anns an t-saoghal. Ach, tha muinntir eile air tòir an fhiosrachaidh seo cuideachd, agus tha Angela a-nist ga faighinn fhèin ann an cunnart cho mòr gu bheil ceist oirre – am b’ urrainn dhi fuireach ann an Alba?

Dà cheud bliadhna às dèidh nan làithean nuair a bha Angela beò, tha eachdraiche òg air lorg fhaighinn air an sgeulachd aice. Agus le taic bho charaid àraid – a tha cracte air nobhailean mu dhèidhinn seann luchd- rannsachaidh prìobhaideach – tha i a’ faighinn sealladh às ùr air ciamar a thàinig an cinne-daonna tro sgrios, cogadh, agus ùpraid, gu beatha shaor, bheairteach, far a bheil daoine a’ dèanamh deiseil gus siubhal do na speuran.

Tha Daibhidh Eyre air sgeulachd ghleusta is shiùbhlach a chruthachadh, a tha a’ tòiseachadh am measg ath-bheothachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, agus a’ crìochnachadh anns na speuran. Turas thar-labhairt.


Reviews: 

Frith-eachdraidh ann an nobhail làn dòchais. Gàbhaidh math! TIM ARMSTRONG

 

About the Author:

RUGADH DAIBHIDH EYRE ann an Siorrachd Lannraig a Tuath ann an 1972. Thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e air a bhith a’ fuireach ann an Glaschu airson a’ mhòr-chuid de a bheatha ag obair sna meadhanan, ach a-nise bidh e a’ fuireach san Leargaidh.

Tha cuid de na dàin aige air nochdadh ann am Poetry Scotland, Irish Pages, Northwards Now, An Guth agus Gutter agus ann an cruinneachaidhean leithid New Writing Scotland, The Harbour agus Windows on Burns Night 2012. Ann an 2013, fhuair an dàn aige ʽLucozade’ air a’ ghearr-liosta airson co-fharpais na bàrdachd Ghàidhlig agus Ghaeilge, Comórtas Filíochta an Choirnéil Eoghain Uí Néill.

Bha e na sgrìobhaiche air mhuinntireas aig Fèis Bàrdachd StAnsa 2018, le taic bho Urras Edwin Mòrgan.

Bidh e a’ sgrìobhadh rosg cuideachd: ann an 2015, dh’fhoillsicheadh a’ chiad nobhail aige Glainne le Sandstone Press, agus chaidh Cailèideascop fhoillseachadh ann an 2017 le Luath Press.

 

DAVID EYRE was born in North Lanarkshire in 1972. He started learning Gaelic at Edinburgh University. For most of his life, he has lived in Glasgow, working in the news and media, but now lives in Largs in North Ayrshire.

Some of his poems have appeared in Poetry Scotland, Irish Pages, Northwords Now, An Guth, and Gutter, as well as the collections New Writing Scotland, The Harbour, and Windows on Burns Night 2012. In 2013, his poem ‘Lucozade’ was shortlisted for the Irish/Gaelic poetry competition, Comórtas Filíochta an Choirnéil Eoghain Uí Néill.

He was the Poet in Residence for the StAnza Poetry Festival 2018, with support from The Edwin Morgan Trust.

He also writes prose: in 2015, his first short novel ‘Glainne’ was published by Sandstone Press, and ‘Cailèideascop’ was published in 2017 by Luath Press.