Thairis air na beagan mhìosan a dh'fhalbh, tha an t-ùghdar Shelagh Chaimbeul air a bhith a’ bruidhinn aig tachartasan a chaidh a chur air dòigh gus an nobhail eucoir ùir aice, Far na Slighe, a bhrosnachadh. An t-seachdain seo chaidh, bha Shelagh san Òban a’ bruidhinn aig tachartas ann am bùth Waterstones. Ghabh sinn an cothrom agallamh a chur air dòigh leatha. Am measg iomadh rud, bhruidhinn sinn ann an doimhneachd ri Shelagh mu na tha a'dol aig na tachartasan aice; cò bhios ga brosnachadh mar ùghdar; agus a' chomhairle a th’ aice do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh nobhailean. Seo mar a chaidh an t-agallamh:


Ciamar a tha na tachartasan air a bhith a’ còrdadh riut gu ruige seo?

Tha mi air còig tachartasan a dhèanamh a-nis: Fèis Leabhraichean Phàislig; bùth Chomhairle nan Leabhraichean; Fèis Inbhir Narainn; Oilthigh Ghlaschu agus Waterstones san Òban. Bha iad uile gu math eadar-dhealaichte, ach chòrd iad uile rium gu mòr. Tha e cho math a bhith a’ coinneachadh ri leughadairean ann an diofar sgìrean agus na beachdan is ceistean aca a chluinntinn.


Dè seòrsa rudan a bhitheas tu a’ bruidhinn mu dheidhinn aig na tachartasan?

A bharrachd air an leabhar fhèin, bidh mi a’ bruidhinn mun t-slighe a bh’ agam bho neach-ionnsachaidh na Gàidhlig gu sgrìobhadair, agus an taic a fhuair mi air an t-slighe, gu h-àraid tro sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra. Bidh mi a’ bruidhinn mun phròiseas-sgrìobhaidh agam cuideachd, agus dè cho doirbh ’s a bha e an nobhail a sgrìobhadh! Glè thric, bidh mi a’ beachdachadh air na sgrìobhadairean is leabhraichean a thug buaidh orm fhìn, agus dè thug orm leabhar a sgrìobhadh anns a’ chiad dol-a-mach.

 Dè tha còrdadh riut as motha mu na tachartasan agus dè na seòrsa ceistean a tha còrdadh riut?

Tha e a’ còrdadh rium coinneachadh ri leughadairean agus a bhith a’ cluinntinn na beachdan acasan air leabhraichean agus litreachais. Tha e an-còmhnaidh math a bhith a’ bruidhinn mu na leabhraichean a tha a’ còrdadh rium fhìn agus na leabhraichean is sgrìobhadairean a thug buaidh orm – sin na seòrsa ceistean as fheàrr leam.

Bha thu san Òban aig toiseach an t-seachdain - seachdain a’ mhòid! Nach innse thu beagan mun oidhche sin.

Bha mi fortanach cothrom fhaighinn bruidhinn mu dheidhinn ‘Far na Slighe’ aig tachartas ann an Waterstones san Òban fhad ’s a bha am Mòd a’ dol. Bha e cho math a bhith sa bhaile, a bha làn caraidean, ceòl is craic. Nochd naoinear aig an tachartas agus bha triùir ann aig nach robh facal Gàidhlig! Bha iad anns an Òban airson a’ Mhòd agus bha iad airson tighinn gu tachartas litreachail sa Ghàidhlig – tha mi an dòchas gun do chòrd e riutha. Leis nach robh Gàidhlig aig a h-uile duine, b’ e tachartas dà-chànanach a bh’ ann. Cha robh sin cho furasta, oir bha agam ri na ceistean a fhreagair sa Ghàidhlig, agus an uair sin a’ cuimhneachadh dè thuirt mi is ga eadar-theangachadh gu Beurla! Chòrd an tachartas rium gu mòr ge-tà, agus bha an luchd-èisteachd uabhasach laghach.

Chaidh innse dhomh gun robh cuideigin aig aois àrd-sgoile aig an tachartasan san Òban, anns an robh ùidh mhòr ann an leabhraichean Gàidhlig - Ciamar a tha e a’ faireachdainn gu bheil thu a’ toirt brosnachadh do dhaoine òga, agus cò bhrosnaich thu fhèin nuair a bha thusa an aois sin?

Bha e sònraichte math cuideigin cho òg fhaicinn aig tachartas, aig an robh ùidh anns an leabhar agam. Tha leughadairean òga cho cudromach do litreachas na Gàidhlig san fharsaingeachd, oir ’s iadsan a dh’fhaodadh a bhith a’ sgrìobhadh nobhailean, bàrdachd, dealbhan-cluiche agus sgriobtaichean san àm ri teachd. Nuair a bha mise an aois sin, bha mi fhìn agus mo bhràthair air ar beò-ghlacadh leis na leabhraichean Redwall le Brian Jacques. Chaidh sinn gu tachartas a rinn e ann an Glaschu agus thug sin brosnachadh dhomh, is esan cho math air caractaran a chruthachadh agus sgeulachdan siubhlach a sgrìobhadh, nach robh sinn airson cur sìos.

Bha tachartas agad aig Oilthigh Ghlaschu cuideachd. Ciamar a bha e faireachdainn a bhith air ais, agus tu a-nis nad sgrìobhadair soirbheachail?

Bha e sònraichte math a bhith air ais aig an Oilthigh, far an do thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bha mi a’ beachdachadh air na ciad clasaichean Gàidhlig a bh’ agam aig an Oilthigh, nuair nach robh ach facal no dhà agam. Cha bhithinn air creidsinn idir aig an àm sin gum biodh e comasach dhomh a-chaoidh leabhar a sgrìobhadh sa Ghàidhlig!

Chòrd e rium coinneachadh ri na h-oileanaich a thàinig dhan tachartas cuideachd. Chaidh an tachartas a chumail ann an togalach ùr aig an Oilthigh anns nach robh mi a-riamh agus, ged a bha sin beagan neònach, b’ e àite sgoinneil a bh’ ann airson an leithid de thachartas.

An robh thu riamh an dùil gum biodh tu a’ deànamh rudeigin mar seo? Ciamar a tha sin a’ faireachdainn, agus ciamar a rinn thu deiseil airson na tacharatasan?

Cha robh idir! Ged a bha ùidh agam a-riamh ann an sgrìobhadh, cha robh mi an dùil gum biodh e idir comasach dhomh leabhar slàn a sgrìobhadh, gu h-àraid anns a’ Ghàidhlig. A bharrachd air sin, cha robh mi cinnteach am biodh misneachd gu leòr agam a bhith a’ seasamh air beulaibh daoine aig tachartas is a’ bruidhinn mu dheidhinn rudeigin a bha mi fhìn air sgrìobhadh.

Tha mi air còig tachartasan a dhèanamh a-nis agus feumaidh mi ràdh gu bheil mi a’ fàs rud beag nas comhfhurtaile bruidhinn mu dheidhinn an nobhail air beulaibh dhaoine – cha bhi mi a’ fàs cho nearbhasach ro na tachartasan a-nis!

Ron tachartas, bidh mi a’ coimhead tro na h-earrannan a bhios mi a’ leughadh agus a’ beachdachadh air freagairtean gu ceistean a dh’fhaodadh an cathraiche a’ cur orm mun nobhail agus mu dheidhinn mu chuid sgrìobhaidh.

Dè chuimhne as fheàrr agad bho na tachartasan a th’air a bhith ann gu ruige seo.

Ged a tha na tachartasan uile air a bhith math, bha cur-air-bhog oifigeil an nobhail, ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean sònraichte math. Thug an luchd-èisteachd a bha ann tòrr misneachd agus spionnadh dhomh agus thug e orm faireachdainn gum b’ urrainn dhomh nobhailean eile a sgrìobhadh, is gum biodh ùidh aig leughadairean annta.

A bheil comhairle sam bi agad do luchd-ionnsachaidh a tha beachdachadh nobhailean a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig?

Ma tha beachd agad airson nobhail no fiù ’s sgeulachd ghoirid, tha còir agad ga chur sìos air pàipear! Tha fios agam fhìn gum bi tòrr luchd-ionnsachaidh a’ cur bacaidhean orra fhèin, is a’ smaoineachadh nach eil a’ Ghàidhlig aca math gu leòr airson nobhail a sgrìobhadh, ach tha tòrr taic ri fhaighinn do sgrìobhadairean Gàidhlig ùra. Na gabh cus dragh mu dheidhinn mearachdan ann an litreachas no gràmair – bidh e furasta gu leòr na rudan siud a ceartachadh nuair a tha thu air an sgeulachd a sgrìobhadh. ’S dòcha gur e an rud as cudromaiche a bhith a leughadh tòrr nobhailean is sgeulachdan eile sa Ghàidhlig.

Gus crìochnachadh - dè na leabhraichean a tha air a bhith a’ còrdadh riut bho chionn ghoirid?

Tha mi air a bhith a leughadh na nobhailean aig Catherine Carswell o chionn ghoirid, a chaidh sgrìobhadh anns na 1920an agus a tha stèidhichte ann an Glaschu – tha iad air leth math, is iad a’ dèiligeadh ri cuspairean a tha fhathast buntainneach san latha an-diugh. Tha mi cuideachd a’ leughadh na gaoir-sgeòil (thrillers) le Patricia Highsmith – tha an stoidhle sgrìobhaidh aice a’ còrdadh rium gu mòr.