’S e Oidhche Mhòr nan Leabhraichean a th’ ann, oidhche shònraichte a chaidh a chruthachadh leis a' bhuidhinn chathairnis ‘The Reading Agency’. Thàinig an t-ainm bhon fhèis leughaidh chloinne ‘Latha Mòr nan Leabhraichean’. Coltach ri Latha Mòr nan Leabhraichean, a tha ag amas air leabhraichean a bhrosnachadh do chloinn, chaidh Oidhche Mhòr nan Leabhraichean a chruthachadh airson inbhich a bhrosnachadh gu bhith a’ leughadh. A-nochd, bithear a’ comharrachadh cho cudromach sa tha sgeulachdan nar beatha, agus an diofar a tha leabhraichean a’ dèanamh dhan t-saoghal san fharsaingeach.
Aig Luath Press, tha sinn airson an teachdaireachd a sgaoileadh fada agus farsaing. Nuair a bhios sinn a leughadh, tha cothrom againn an saoghal seo fhàgail airson greiseag agus a bhith mar phàirt de shaoghal eile. Ge bi dè leughas tu - leabhar gaoil, leabhar eachdraidheil neo leabhar ficsean-saidheansail - bheir sgeulachdan thu gu àite iongantach nad mhac-mheanma ann an dòigh nach tèid a dhèanamh le prògram t.bh neo fiolm. A bharrachd air sin, 's urrainn leabhraichean ar ceangal ri na linntean a dh’fhalbh, agus sinn a’ faighinn tlachd à faclan a chaidh a sgrìobhadh ceudan de bhliadhnaichean air ais.
Ann an saoghal na Gàidhlig, bha sgeulachdan agus seanchas riamh mar phàirt air leth cudromach do dhaoine, agus b' ann air an oidhche a chaidh mòran de na sgeulachdan innse - gu sònraichte, aig an taigh cèilidh. Nuair a rachadh daoine a chèilidh, bhiodh iad a' tadhail air nàbaidh airson stòiridhean innse agus òrain a sheinn. Aig cèilidh, bhiodh tòrr fealla-dhà, agus bha seo gu h-àiridh cudromach thairis air na mìosan dorch' a' gheamhraidh. Bha cuid de dhaoine aithnichte airson an sgilean seanchaidh, agus iomadh stòiridh, rann agus òran aca air an teanga. Leis gur e àm sòisealta a bh’ ann, bhiodh naidheachdan an là cuideachd air an aithris. 'B e sgeulachdan a bu mhotha a bh' aig daoine aig cèilidh - sgeulachdan mu iomadh rud leithid an dà-shealladh, na sìthchean agus rudan eile os-nàdarra. Mar bu trice, bhiodh na stòiridhean a’ buintean ris an àite anns an robh na daoine a’ fuireach. Mar sin, aig cèilidh bha cothrom ann ionnsachadh mu eachdraidh, sinnsearachd, ainmean àite agus mu dhaoine a bha beò san sgìre anns na làithean a dh’aom.
Beag air bheag chaidh an tradaisean air chall. Anns na h-òrain a chaidh sgrìobhadh mu eilthreachd, cluinnear mar a bha na daoine a' caoidh nan cèilidh. Sgrìobh a bhàrd Mhealboist, Murchadh MacPhàrlain san òran ‘ ’S fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh’,
'N àm don fheasgar bhith ri ciaradh
'S tric a bhios mo chridhe cianail
Cuimhneachadh g' eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leam dhol a chèilidh.’
Anns an latha an-diugh, cha bhi cèilidhean a'dol san aon dòigh sa bha iad. An àite a bhith a’ dol gu taigh nàbaidh, tha barrachd cuideam ga chur air cruinneachaidhean ann an àitean sòisealta, mar chafaidhean agus tachartasan far an cluinnear sgeulachdan gan innse agus òrain gan seinn. ’S e deagh dhòigh a th’ ann daoine le Gàidhlig a choinneachadh, agus caraidean ùra a dhèanamh. Bidh buidhnean leithid Bothan Dhùn-Èideann (@bothan_de air Instagram), agus An Taigh Cèilidh, Lèodhas (taighceilidh air Instagram), tric a cur tachartasan mar seo air dòigh. Ged a tha cur seachadan air atharrachadh , tha feum ann fhathast ann am beatha nan Gàidheal, air cruinneachadh, còmhradh agus coimhearsneachd.
Carson nach tèid sibh a chèilidh air caraid airson rann de bhàrdachd a leughadh, neo sgeulachd ghoirid innse air Oidhche Mhòr nan Leabhraichean?