- Regular
- £19.99
- Sale
- £19.99
- Regular
- £19.99
- Unit Price
- per
Tha na dàin sa chruinneachadh seo a' toirt dealbh (am measg rudan eile) air leanabachd an ùghdair ann an Uibhist a Deas. Tha a' Ghàidhealtachd ga taisbeanadh mar àite saor bho uallach sòisealtas àbhaisteach agus mar bhunait dearbh-aithne a' bhàird. A bharrachd air coimhead air ais, tha Stèisean cuideachd a’ togail cheistean mun àm ri teachd. Cuiridh an Caimbeulach sùil gheur air saoghal teicneolasach an 21mh linn, a’ coimhead air àite na Gàidhlig ann an Alba ùr-nòsach agus ciamar as urrainnear grèim a chumail air cultar is dualchas ann an làithean cho caochlaideach.
“Tha am bàrd seo a’ creidsinn ann an gibht na beatha agus feumaidh e mar aon urram a thoirt dha gach nì a tha beò.” Meg Bateman
Chaidh Stèisean a chur air bhog aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann air 17 Lùnastal 2018 agus tha e ri fhaighinn an-nise an seo.
Siuthad mus ruith iad a-mach!
Leanaidh an sgeulachd beatha dithis, Cailean Quinn agus bràthair a mhàthar, an Dr Ruairidh MacGillÌosa rè làithean an t-samhraidh a thug iad còmhla an Uibhist a Deas o chionn 40 bliadhna, fhad ’s a bha sùilean an t-saoghail air Alba sna chuairtean deireannach aig Cupa na Cruinne san Argantain (b’ iad na làithean!). San leabhar, gheibhear seallaidhean làidir, beòthail air beatha muinntir an eilein aig an àm a thaobh slàinte nuair a choinnicheas Ruairidh riutha na dhreuchd mar dhotair agus gu cultarach is e fhèin is Cailean a' rannsachadh beartas am beul-aithris. Mar a thèid an sgeulachd air adhart, chithear mar a thug na dh’fhiosraich an dithis dhuine rè an t-samhraidh ud, buaidh mhòr orra.
Gus an leabhar a chur air bhog, chaidh Màrtainn a-null a dh’Uibhist far an do stèidhich e an nobhail, agus lìbhrig e tachartas gu math soirbheachail aig Symposium Ceòlas. Às dèidh dha Màrtainn bruidhinn mun leabhar, fhuair an luchd-èisteachd cothrom cuid de ghuthan nan seanachaidhean a chlàr Martainn fhèin an Uibhist o chionn 25 bliadhna a chluinntinn.
’S e leabhar brèagha is beò-ghlacmhor a tha seo a bu chòir dha bhith aig mullach do liosta-leughaidh. Faigh leth-bhreac dheth an seo.
Seo a’ chiad leabhar eucoir bhon ùghdar chliùiteach Aonghas Pàdraig Caimbeul, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ri a shealltainn dhuibh! Stèidhichte air Barraigh, innsidh an nobhail sgeulachd mu phoileas ionadail air aineol an sàs ann an cùis thoinnte. An dèan Constabal Murdo a’ chùis air a’ phoilis bhragail à tìr-mòr a thig ga chuideachadh air tòir nam mèirleach a ghoid bràist eachdraidheil bho Chaisteal Chiosmuil? Le tòrr àbhachd bheir an Caimbeulach sùil gheur air coimhearsnachd, eachdraidh is leas-breith.
Thèid an leabhar a chur air bhog, aig tachartas mar phàirt de Mhòd Dhùn Obhainn, air 17 Dàmhair san leabharlann sa Queen's Hall aig 3F. Bidh an sàr chraoladair Derek ‘Pluto’ Moireach sa chathair, a b' àbhaist a bhith na phoileas fad bhliadhnaichean mòra ann an Srath Chluaidh.
Feuch nach caill sibh a-mach!