Dh’fhaighnich sinn dha na h-ùghdaran againn mu na tha iad air a bhith a’ dèanamh ann an fhèin-iomallachadh.

Tha Graham Cooper air a bhith glè thrang a’ sgrìobhadh nobhail eile agus cuideachd a’ cleachdadh a chuid ùine airson a bhith a’ fuineadh arain!

 

“O chionn fichead bliadhna, thòisich mi air aran fhuineadh mar chur-seachad. Chòrd an t-aran agus pizza ri ar dithis nighean, a bha òg aig an àm. Leis an "lockdown", tha fèill mhòr air mosgilean a-rithist.

 

Bha mi fortanach gun robh min-chruithneachd agam aig an taigh mus do dh'fhàs an suidheachadh a bhith teann. Ach, dè mu dheidhinn na beirme? Cha robh ann ach dà phacaid beirm Allinson anns a' phreas.

 

Thar nam bliadhnaichean, chleachd mi beirm ann an dòighean eadar-dhealaichte agus dh'fheuch mi (gun mòran soirbheachais) "sourdough culture" a dhèanamh. 'S e an dòigh a b' fheàrr a dh'obraich dhomh "starter" a dhèanamh air an oidhche ro latha an fhuinidh. Chuirinn pacaid beirm Allinson ann am bobhla mòr leis an uisge uile gu lèir airson na reasabaidh, leth na mine-cruithneachd, agus leth na spàine-teatha de mhil. An ath mhadainn, bhiodh "an starter" ribrachadh agus deagh fhàileadh a' tighinn às. A-steach dhan"starter" seo, chuirinn na bha a dhìth de mhin-chruithneachd, salann, ola msaa gus crìoch a chur air an aran. 

 

Chleachd mi an t-eòlas seo a bhith a' faighinn seachad air gainnead na beirme a tha ann an-dràsta. Rinn mi an "starter" leis a' phacaid dheireannaich agam de bheirm Allinson. An ath mhadainn, chùm mi cupan dheth air ais agus chuir mi an dàrna taobh e fhad 's a rinn mi an t-aran. Bheathaich mi an cupan de "starter" sin le leth-chupan mine-cruithneachd agus leth-chupan uisge gach latha. Taobh a-staigh trì latha, bha gu leòr "starter" ann airson fuineadh a-rithist.

 

Thairis air na ceithir seachdainean sa chaidh, tha mi air dusan lof a dhèanamh bhon aon phacaid de bheirm Allinson. Nam biodh ùidh aig duine sam bith, chuirinn an reasabaidh air fadsìos air "pàipear" dhuibh.”

 

 


Bruidhnidh sinn a dh’ aithghearr, tha mise air falbh gus feuchainn ri beagan arain a dhèanamh!

Innis dhuinn dè na tha sibh fhèin air a dhèanamh!