Aig toiseach a' Ghearrain thathar a’ comharrachadh Là Fhèill Brìghde agus a’ cur fàilte chrìdheil air an earrach (mu dheireadh thall!). Bidh Là Fhèill Brìghde a’ gabhail àite air a' chiad latha den Ghearran, agus a-rèir seann chleachdaidhean pàganach, mairidh an fhèill gu deireadh an dàrna latha den Ghearran, nuair a thèid a’ ghrian fodha. ’S e seann fhèill Cheilteach a th’ ann, a tha fhathast air a chumail air feadh Èireann agus Alba. Air an latha seo, thathar a’ comharrachadh ban-naomh Brìghde, ’s i ban-naomh nan ealan agus slànachadh, agus dìonadair boireannaich.
Tha diofar chleachdaidhean an luib Là Fhèill Brìghde, ach ’s e an cleachdadh as cumanta a bhith a’ dèanamh 'Croisean Brìghde le luachair, no feur no saidhe', agus gan crochadh os cionn dorais mar dhìon bho dhroch spioradan. Tha barrachd fiosrachaidh mu na cleachdaidhean an seo: <https://dasg.ac.uk/blog/243/gd> .
’S e ban-naomh nan ealan a th' ìnnte, ach gu sònraichte, tha Brìghde ceangailte ri bàrdachd. Tha bàrdachd riamh air a bhith na phàirt chudromach de dhualchais nan Gàidheal. Bha bàrdachd air a chleachdadh aig diofar ìrean airson sgeulachdan innse, moladh a’ dheanamh, neo mar beagan fealla-dhà aig cèilidh. Bhiodh bàird daonnan a’ sgrìobhadh mu rudan pearsanta anns na dàin aca, agus cuideachd mu dheidhinn cùisean a bha a’ buntainn don chomhairsneachd aca.
Mar sin, nach leugh sibh bàrdachd neo dhà airson Là Fhèill Brìghde a chomharrachadh. Seo na leabhraichean bàrdachd a tha rim faighinn bho Luath Press.
'Dannsam le Fhaileas'
Le Màrtainn Mac an t-Saoir.
Bàrdachd cheòlmhor, mhaoth, dhomhainn a choimheadas air an t-saoghal tro shùilean Gàidhealach. Tha bàrdachd an leabhair seo ùr-nòsach, a' togail air dualchas nan Gàidheal agus air a beathachadh leis.
'Dàn as Fhèarr Leinn'
Le Peter MacKay agus Jo MacDonald.
Cruinneachadh de 100 dàn agus òran Gàidhlig de dh’iomadh seòrsa agus o iomadh linn – nam measg bàrdachd gaoil agus laoidhean, òrain mara agus òrain cogaidh, tàlaidhean agus marbhrainn. Air an taghadh le Pàdraig MacAoidh agus Jo NicDhòmhnaill, le molaidhean an t-sluaigh, tha an cruinneachadh seo a’ toirt blasad de shàr-bheartas litreachas na Gàidhlig.
'Stèisean'
Le Aonghas Pàdraig Caimbeul
Cruinneachadh de 59 dhàin ùra bho Aonghas Pàdraig Caimbeul. Tha cuid a’ meòrachadh air òige ann an Uibhist agus cuid eile air cor an t-saoghail is faileas na h-aoise. Tha iad a’ gluasad, mar tha tiotal an leabhair a’ comharrachadh, eadar àite is tìm.