Far na Slighe
'An cuir thusa earbsa ann an cuimhne do charaidean, no fiù 's annad fhèin?'
An t-seachdain seo, bhruidhinn sinn ri Shelagh Chaimbeul, ùghdar an nobhail eucoir ùir, ‘Far na Slighe' gus beagan a bharrachd fiosrachaidh fhaighinn a-mach mun nobhail agus Shelagh fhèin. Seo an t-agallamh:
Innse dhomh beagan mu do dheidhinn fhèin
’S ann à Glaschu a tha mi, agus tha mi fhathast a’ fuireach air taobh a deas a’ bhaile. Tha mi ag obair mar oifigear margaidheachd didseatach agus bidh mi a’ ruith seiseanan ann an sgrìobhadh chruthachail sa Ghàidhlig cuideachd. Tha cù agam – spaniel air a bheil Percy.
Dè thug oirbh Gàidhlig ionnsachadh?
Bha ùidh mhòr agam anns a’ Ghàidhlig a-riamh: bha mi airson an cànan ionnsachadh nuair a bha mi san sgoil, ach gu mi-fhortanach cha robh e comasach dhomh sin a dhèanamh. Nuair a chaidh mi gu Oilthigh Ghlaschu, fhuair mi cothrom a dhol gu clasaichean-oidhche agus chòrd iad rium cho mòr ’s gun d’ rinn mi Gàidhlig mar chuspair anns an treasamh is ceathramh bliadhnaichean agam. Chuir mi seachad bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig an uair sin, mus do thill mi gu Oilthigh Ghlaschu airson iar-cheum a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig.
An robh sibh an-còmhnaidh a' sgrìobhadh sgeulachdan?
Bhithinn an-còmhnaidh a’ sgrìobhadh sgeulachdan nuair a bha mi òg, agus ag iarraidh air mo phàrantan bochd an leughadh! Chan eil mi cinnteach an robh iad idir a’ dèanamh ciall – chòrd e rium gu mòr ge-tà. Thòisich mi a’ sgrìobhadh iris nuair a bha mi còig no sia bliadhna a dh’aois, anns an robh artaigealan mu na teadaidhean agam is dè bha iad ris gach seachdain. Naidheachd air leth cudromach!
Dè na leabhraichean a tha còrdadh ribh fhèin?
Bidh mi a’ leughadh farsaingeachd de leabhraichean ficsein, agus bidh mi a’ leughadh gun sgur. Tha e a’ còrdadh rium leabhraichean bho diofar gnèithean fheuchainn, ach chanainn ’s gur e ficsean litreachail as fheàrr leam. Anns na leabhraichean as fheàrr, tha an ùghdar a’ cruthachadh saoghal anns an tèid an leughadair air chall.
Tha an liosta de na leabhraichean as fheàrr leam ag atharrachadh bho bhliadhna gu bliadhna oir bidh mi an-còmhnaidh a’ lorg ùghdaran agus sreathan ùra. A dh’aindeoin a’ chruinneachaidh de leabhraichean agam a tha fhathast ri leughadh, tha leabhar no dhà a bhios mi a’ leughadh a-rithist is a-rithist, leithid The Secret History le Donna Tartt, Fingersmith le Sarah Waters, The Heart is a Lonely Hunter le Carson Mcullers agus Mrs Dalloway le Virginia Woolf.
Cò na sgrìobhadairean as fhèarr leibh?
Liosta fada a th’ ann! Seo cuid dhiubh: Donna Tartt, Elizabeth Taylor, Daphne du Maurier, Elizabeth Bowen, Muriel Spark, Patricia Highsmith, Carson McCullers, Sylvia Townsend Warner, Virginia Woolf, E.H. Young, Barbara Pym, Jessie Kesson, Iris Murdoch, Terry Pratchett, Sarah Waters, Patricia Lockwood, Chimamanda Ngozie Adiche agus Octavia E. Butler. Tha tòrr sgrìobhadairean Gàidhlig a’ còrdadh rium cuideachd, leithid Màiri E. NicLeòid, Alison Lang, Daibhidh Eyre, Calum L. MacLeòid, Alasdair Paul, Catrìona Lexy Chaimbeul agus Mòrag Anna NicNèill.
Nach innis sibh beagan mu dheidhinn 'Far na Slighe'?
Tha na prìomh caractaran, Amy, agus a bean, Ciara, a’ faicinn sreath-eucoir ùr, anns am bithear a’ dèanamh sgrùdadh air basan amharasach. Anns a’ chiad prògram, tha iad a’ coimhead air bàs boireannach òg, a thuit far Slighe Chladach Fìobha o chionn 20 bliadhna. Cha robh an teaghlach a-riamh a’ creidsinn gum b’ e tubaist a bh’ ann, agus tha bràthair Joni a’ sireadh freagairtean.
Tha Amy ag aithneachadh bann-làimhe eireachdail a th’ air an nighean, oir b’ e an aon bhann-làimhe air an d’ fhuair i fhèin lorg faisg air Cill Rìmhinn o chionn 20 bliadhna.
Feumaidh i fhèin, Ciara is na caraidean aca a bha còmhla ri Amy ann an Cill Rìmhinn co-dhùnadh a dhèanamh – dè nì iad leis a’ bhann-làimhe? An tèid iad dhan a’ phoileas no am feuch iad fhèin ri obrachadh a-mach dè thachair dhan a’ bhoireannaich òig air an oidhche siud?
Ciamar a thàinig an cuspair airson 'Far na Slighe' thugaibh?
Thàinig aon smaoin thugam an tòiseach: dè thachradh nam faigheadh tu lorg air pìos seudraidh ann an àite iomallach, agus an uair sin gun tigeadh e gu bàrr gun robh e ceangailte ri cus eucoir no murt?
Fhad ’s a bha mi a’ sgrìobhadh an nobhail, bha sreathan eucoir leithid Serial a’ fàs nas cumanta, agus bha mi a’ gabhail ùidh anns na ‘rannsaichean sòfa’ a bhiodh a’ dol an-sàs ann an cùisean air nach robh tuigse aca. Bhithinn an-còmhnaidh a’ smaoineachadh mu na teaghlaichean a bha ceangailte ri na cùisean anns na sreathan seo – dè seòrsa buaidh a bhiodh aig na teòiridhean co-fheall a bhiodh daoine a’ sgaoileadh air-loidhne orrasan?
Chuir mi romham sreath eucoir a chruthachadh ann an Far na Slighe, gus am biodh cothrom agam beachdachadh air an teaghlach a bha an-sàs ann. Tha iad a’ lorg freagairtean agus fuasgladh, ach chan urrainn dhaibh na ‘rannsaichean sòfa’ a sheachnadh.
An robh dùbhlain shònraichte an lùib a bhith a' sgrìobhadh nobhail eucoir?
Cha robh e idir furasta smachd a chumail air a h-uile snàithlean san sgeulachd! Bha mi ag obair air an nobhail thairis air ceithir no còig bliadhnaichean agus sgrìobh mi sia dreachdan – mar sin, bha e doirbh aig amannan cuimhneachadh dè na rudan a bha mi air atharrachadh. Bha agam ri tòrr notaichean agus liostaichean a chumail, airson rian a chumail air an sgeulachd. Mar eisimpleir, dè an t-eòlas a bhiodh aig gach caractar air dè bha a’ dol ann an gach caibideil.
Bha agam ri tòrr rannsachaidh a dhèanamh cuideachd – tha caractar san nobhail a’ bàsachadh air Slighe Chladach Fìobha agus bha agam ri dol ann trì no ceithir tursan agus dealbhan a thogail den t-slighe, airson a bhith cinnteach gun dèanadh an sgeulachd ciall.
Seo a chiad leabhar sa Ghàidhlig le caractaran leasbach - an robh e cudromach dhuibh leabhar mar seo a' sgrìobhadh?
Bha e uabhasach cudromach dhomh – tha e cudromach gun tèid a h-uile seòrsa caractar a riochdachadh ann an litreachas cànan sam bith.
Bha e cuideachd cudromach dhomh nach ann mu dheidhinn feisealachd nan caractaran a-mhàin a bha an sgeulachd. Tha na prìomh charactaran, Amy agus Ciara, air a bhith còmhla fad bhliadhnaichean agus tha iad pòsta. Tha an uiread de nobhailean ann le caractaran LGDT a tha a’ tighinn a-mach, no a’ coinneachadh ri chèile agus a’ dol tro brisidhean-cridhe – tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e math caractaran fhaicinn a tha beagan nas aosta, a tha gu ìre mhath toilichte, ann an dàimh sheasmhach.
Tha mi an dòchas gun tèid tòrr a bharrachd leabhraichean Gàidhlig anns a bheil caractaran LGDT fhoillseachadh san àm ri teachd.
Am bi sibh a' sgrìobhadh diofar seòrsa sgeulachdan cuideachd, no an e eucoir an gnè litreachais as fheàrr leibh?
Bidh mi a’ sgrìobhadh air diofar cuspairean cuideachd. Tha mi ag obair air nobhail ùr an-dràsta a tha gu tùr eadar-dhealaichte bho ‘Far na Slighe’ – chan e nobhail eucoir a th’ ann idir. Tha e a’ còrdadh rium stoidhlichean agus gnèithean diofraichte fheuchainn, an àite a bhith a’ sgrìobhadh an aon seòrsa sgeulachd fad na tìde.
Tha mi air dà leabhar-cloinne a sgrìobhadh cuideachd – chan eil mi cinnteach a bheil e nas doirbhe nobhail eucoir a sgrìobhadh no leabhar-cloinne!
Mòran taing airson bruidhinn rinn!