Le Alasdair Paul
Las Teàrlach a phìoba-chriadh le maids. Seantans simplidh a chuireadh ri ìomhaigheachd an sgeòil. Bha e sìos air an duilleig mus do bhìd teagamh orm. 'S ann a tha sinn a-mach air toiseach na 19mh linn. An robh maidsichean ann aig an àm? Le lorg-Google ealamh bha an fhreagairt agam; cha robh. Air neo; a bhith nas mionaidiche; cha robh an fheadhainn phrobhail a bh' ann air an cleachdadh leis a' mhòr-shluagh. 'S beag an t-iongnadh sin 's iad buailteach a bhith a' cur do thaigh na theine le bhith a' sgaoileadh èibhleagan neo a' spreadhadh nad aodan.
Agus sin mise air falbh sìos toll-coineanaich fiosrachaidh air sgàth aon seantans suarach.
Ach sin dàn sgrìobhadairean an ficsein eachdraidheil. Tha cùmhnant againn leis an neach leughaidh; cuiridh iad earbsa san sgeulachd againn cho fad 's a bheir sinn fios dhaibh a tha earbsach. Cho luath sa bheir sinn seachad fios a tha fuadain tha an cùmhnant briste is sinn air ar leughadair a chall. Mar liosadair 's e mo ghràin-pheata mearachdan ghàirnealaireachd. Chan eil cuimhne agam a-nis air dè an t-ùghdar a bh' ann a thug iomradh air sòbhrach a' tighinn fo bhlàth as t-fhoghar ach b' e sin e ullamh eadar mise is esan. B' ann mar gun robh na solais air a dhol an àrd a' toirt am follais na propan-stèidse is na h-uèirean.
Tha fìrinn na maighstir chruaidh a dh'iarras tòrr obair rannsachaidh air an sgrìobhadair eachdraidheil. Mar sin is fortanach an sgrìobhadair a tha air a bheò-ghlacadh le bhith a' falbh sìos tuill-coineanaich an toir eachdraidh, gu dearbh mar a tha mi fhèin. Ach thoir an aire! Tha cunnart an lùib a' ghnothaich. Bha mi air gach cùl-shràid eachdraidh nam maidseachan a shiubhal, eadar na bioranan-ghiuthais a chaidh a chleachdadh rè ceannsachadh Qì a tuath ann AD577 gu maidsichean gun fhuaim air innleachadh leis an Ungaireach Janos Irinyi mus tàinig an guth thugam bho cùl m' inntinn. Stad! Foghnaidh na dh'fhoghnas! Nach eil sgeul agad ri choileanadh! Bha mi ri màirnealaicheadh. Dh'fhosgail mi an lap top is choimhead mi ris an t-seantans às ùr. Le brùthadh air delete sin e air a dhubhadh às uile gu lèir. Aig deireadh gnothaich mar as lugha, 's ann às motha, mar a chanas iad.