Le Màrtainn Mac an t-Saoir
Feumaidh mi ràdh, gun tàinig gu buil rud no dhà am bliadhna a bha an dèidh ’s a bhith a’ feitheamh le foighidinn (canaidh sinn) fad greis, ach grunn nithean ùra cuideachd.
Sa Ghiblean chuir mi air bhog ‘A’ Ruith Eadar Dà Dhràgon / Running Between Two Dragons’ le Francis Boutle Press https://francisboutle.co.uk/products/a-ruith-eadar-da-dhragon/ ann an Oilthigh Dhùn Èideann, far an robh mi nam Sgrìobhaiche Gàidhlig air Mhuinntireas bhon t-Sultain 2022 gu An Lùnastal 2024. Anns an leabhar bhrèagha seo – taing mhòr, Kate – gheibhear 52 a dhàin sa Ghàidhlig air an tug mi Beurla agus a dh’eadar-theangaich an dithis bhàrd thàlantach, Noèlia Díaz-Vicedo is Ifor ap Glyn gu Catalanais is Cuimris. Carson? A chionn ’s gum b’ e na dh’fhiosraich is na dh’fhairich mi san dà dhùthaich sin a dhùisg na dàin eadar 2019 is 2020. Neo ’r thaing nach tug teachd a’ phaindeamaig buaidh cuideachd air a’ bhàrdachd, ach tha ioma cuspair eile a’ nochdadh sa chruinneachadh!
Seo pìos sgoinneil a rinn Ruairidh MacÌomhair dhan Là air BBC Alba bhon chuirm.
https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/fbh/68878147
San Iuchar, aig Fèis Bhelladrum is a-rithist san t-Sultain an Dùn Eideann, fhuair mi an cothrom ‘Poems, Chiefly in The English Dialect’ le Drunk Muse Press, https://www.drunkmusepress.com/shop/p/poems-chiefly-in-the-english-language-by-martin-macintyre a chur fa chomhair an t-sluaigh: leabhar bàrdachd, a’ chiad fhear bhuam, a tha gu beagnaich sa Bheurla, ach le na h-uimhir de dh’Albais, Gàidhlig is Spàinntis ann cuideachd! Tha mi gu mòr an comain an teaghlaich aig Alasdair Taylor nach maireann son cead a thoirt dhomh, an dealbh iongantach, ‘Jeannie and Her Mother’ a chleachdadh mar ìomhaigh a’ chòmhdaich.
Cuirmean air leth tlachdmhor, ma-thà, is mo thaing dha na h-uile a rinn mo chuideachadh gus an cur air dòigh is am fàgail cho soirbheachail.
Cha bhiodh e na iongnadh gun robhar a’ toirt iomradh, an co-theacsa na bàrdachd ùir seo, air ‘Dannsam Led Fhaileas / Let MeDance With Your Shadow' https://luath.co.uk/products/dannsam-led-fhaileas?srsltid=AfmBOorQjB_81tgv1sCwpis1NBZJxZbrPMwdVTxWXuyjcx8D7LqTT-KL dàin sa Ghàidhlig is sa Bheurla a nochd bho Luath Press ann an 2006. Tha mi fhathast gu math moiteil às a’ chruinneachadh seo, is bha mi a’ leughadh dà dhàn às, na bu tràithe air an t-seachdain seo : ‘Foghar Dhùn Èideann’ is ‘Samhain aig BBC Breakfast’ airson soraidh a leigeil le ràith àlainn an fhoghair – ràith mo chuid chruthachaidh, nuair a thèid agam air a ghathan a ghlacadh is a chur gu feum! Seo an teacsa is foidhe sin bhideo de Foghar Dhùn Èideann a chlàir mi do Leabharlann Bàrdachd na h-Alba an 2022 air Latha Nàiseanta na Bàrdachd https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/foghar-dhun-eideann/
A-thaobh ficsein, bha mi air leth toilichte cothrom fhaighinn leabhar a sgrìobhadh son sreath ùr aig Acair, Feuch Ficsean, is tha mi an dòchas gun nochd an nobhail ghoirid sin ann an 2025. Is cuideachd ann an 2025, tha mi a’ dèanamh fiughair ris an nobhail mu dheireadh agam, ‘Samhradh ’78’ bho Luath Press https://luath.co.uk/products/samhradh-78?variant=42807658709142 a bhith ga fhoillseachadh leis an dearbh chompanaidh sa Bheurla.
Sin e, chanainn, a bharrachd air a bhith ag innse sgeulachdan on dualchas, beò an grunn àiteachan: sgoiltean, coimhearsnachdan, fèisean – nam measg: Fèis Eadar Nàiseanta nan Sgeulachd 2025.
https://sisf.online.red61.co.uk/event/913:5658/