GRÀDH, DÌLSEACHD AGUS CALL AM MEASG AR-A-MACH NAN SEUMASACH

Suidhichte ann an gleann sìtheil Thulach Neasail, Siorrachd Obar Dheathain, tha an sgeulachd a’ leantainn beatha an uachdarain Teàrlach Gòrdanach, a’ mhinisteir Ualtar Syme agus an teaghlaichean agus iad a’ fàs suainte ri chèile rè àm ar-a-mach nan Seumasach. Tha an nobhail ag innse mu dheidhinn dùthcha a tha an impis cogadh, agus mar a tha beatha nan daoine air atharrachadh mar thoradh air seo. Bho cheanglaichean teaghlaich is gaoil gu na brathan agus na call a tha gam milleadh, tha an sgeulachd a’ toirt iomradh air còmhstri is call pearsanta a bharrachd air ùpraid phoilitigeach.

Tha ‘Am Prionnsa’ air innse tro shùilean an fheadhainn a bha a’ strì airson adhbhar nan Stiùbhartach, agus cuideachd bho shealladh feachdan Hanòbhair, air an stiùireadh le Diùc neo-thruacanta Chumberland. Le bhith a’ sealltainn ar-a-mach an dà chuid bho shealladh nan Seumasach agus Hanòbharach, tha ‘Am Prionnsa’ a’ tabhann tuigse nas doimhne agus nas ionnsaichte mun chòmhstri.

Chì leubhadairean mar a tha creideamh an dà chuid na stòr neart agus mar chombaist moralta airson caractaran Thulach Neasail - gan cuideachadh le bhith beò aig àm an ar-a-mach. Tha an leabhar a’cur an cèill dealbh bheothail de nàdar spioradail an ama, far a bheil creideamh ann an Dia a’ tabhann sòlas agus soilleireachd ann an saoghal làn mì-chinnt, gaol agus brath.

Tha Am Prionnsa na dheagh leabhair dha neach sam bith a tha measail air ficsean eachdraidheil a bheir beò an àm a dh’ fhalbh -  a’ toirt sealladh air an dà chuid eachdraidh agus strì nan daoine a bha beò troimhe.