'S e aon de na rudan as fheàrr leamsa mu àm na Nollaige 's e a bhith a’ faicinn prèasant ann an cumadh leabhar fon chraoibh. Chan eil sìon nas fheàrr na bhith a' suidhe ri taobh an teine, cupa tì nam laimh, agus a' call mo shuim ann an sgeulachd - ge bith dè a th’ ann. ’S e leughadh an rud as fheàrr leam a bhith a dèanamh fad na bliadhna, ach gu cinnteach tha rudeigin sònraichte mu bhith a’ leughadh leabhar math aig àm na Nollaige - nuair a tha a’ bhliadhna a’ tighinn gu crìch agus faodaidh tu fois a ghabhail air na h-oidhcheannan gheamhradail.
Seo na tha còrdadh ri ùghdaran Luath Press mu àm na Nollaige;
‘A’ sgeadachadh a’ chraobh Nollaig is cùbhraidheachd nan coilltean a’ lìonadh an t-seòmair; Sean òrnaidean is cuimhne; Òrnaidean mìn ghloinne, òrnaidean saora staoin; Rionnagan phàipeir ar ciad Nollaig còmhla; Bogsaichen-uighean air an gèarradh suas mar ghlagan; Pàistean air am fàs gu deugairean is inbhich; Aingeal mo mhàthair; Soluis dathach eileigtric an àite coinnlean beaga sgàrlaid; An sgeadachadh seachad, a’ chraobh deiseil, na cuimhne a’ crochadh a-measg nam meanglan. Na soluis beaga a’ priobadh ‘ s a dealrach a-mach air an uinneig, mar chomharra gu bheil dìomhaireachd is draoidheachd na Nollaig a’ ruighinn a-rithist.’
- Mòrag Law: 'A’ Fàgail an Eilein'
‘Chan innis mi cia mheud bliadhna a tha air a dhol seachad on a sguir mi a chreidsinn ann an Santa. Ach, a dh'aindeoin nam bliadhnaichean fada a tha air ruith orm on uairsin, tha beagan dhen iongantas a dh'fhairich mi nam leanabas mu àm na Nollaige air leantainn rium.
'S dòcha gur e doilleireachd nan oidhcheannan fada as coireach gur e seo an ràith dhen bhliadhna nuair as taine a' chrìoch eadar fìrinneachd is fantastachd. Fad greis tha mi deònach gabhail ris gu bheil taibhsean ann ann an dha-rìreabh, gun robh Bob Cratchit na losgann is e pòsta aig muc, gun tig na h-amasan a th' agam son na bliadhna ri thighinn gu buil.
Dhomhsa 's e seo an t-àm as fheàrr a bhith a' falbh greis gu saoghal na mas-fhìorachd an cois leughaidh no sgrìobhaidh. Co-dhiù gus an tèid mo ghairm às mo bhreislich gus na soithichean a nighe.’
- Alistair Paul: 'Linne Domhain' agus 'Fir an Diùraidh'